
Unit 26 - Shopping and using Money
In order to see this content you need to have both Javascript enabled and Flash installed. Visit BBC Webwise for full instructions
- Anna: Gabh mo leisgeul. A bheil pònairean is peasraichean ùra agaibh?
- Excuse me. Do you have fresh beans or peas?
- Assistant: Tha gu leòr. Sin iad – faisg air a’ bhuntàta.
- Yes, plenty. There they are – near the potatoes.
- Anna: Tapadh leat. A bheil na prìsean orra?
- Thanks. Are the prices on them?
- Assistant: Tha. Cha chreid mi nach e nota gu leth a th’ air gach pacaid.
- Yes. I think each packet costs £1.50.
- Anna: Tha sin math gu leòr.
- That’s good enough.
- Assistant: Ach ma cheannaicheas sibh trì dhiubh, gheibh sibh pacaid an-asgaidh.
- But if you buy three of them, you’ll get one packet free of charge.
- Anna: Trì pacaidean airson trì notaichean. ’S e sin dìreach nota gach pacaid.
- Three packets for three pounds. That’s just a pound for each packet.
- Assistant: Tha e saor, nach eil?
- It’s cheap, isn’t it?
- Anna: Ge-tà, bhiodh cus phònairean agam.
- However, I’d have too many beans.
- Assistant: Faodaidh sibh feadhainn a chur anns an reothadair.
- You can put some in the freezer.
- Anna: Ceart gu leòr. Fhad ’s a tha thu agam, càite a bheil an fheòil?
- Okay. While I have you[r attention], where is the meat?
- Assistant: Tha feòil fhuar thall an sin.
- There is cold meat over there.
- Anna: A bheil bargan sam bith agaibh? Tha an fheòil agaibh uabhasach daor.
- Do you have any bargains? Your meat is very expensive.
- Assistant: Tha bargain againn. Tha cearcfheòil is muicfheòil shaor againn.
- We have bargains. We have cheap chicken and pork.
- Anna: Dè a’ phrìs a tha orra?
- What price are they [is on them]?
- Assistant: Nota ach sgillinn air pacaid cearcfheòla agus dà nota ach còig sgillin air pacaid muicfheòla.
- £0.99 for [on] a packet of chicken meat and £1.95 for a packet of pork
- Anna: Tapadh leat. Mus fhalbh thu, càite a bheil na h-uighean?
- Thanks. Before you go, where are the eggs?
- Assistant: Timcheall an oisein seo. Seo iad.
- Round this corner. Here they are.
- Anna: Tha diofar sheòrsachan ann – mòr, meadhanach, beag.
- There are different types – large, medium, small.
- Assistant: Tha, agus organach is saor-raoineach cuideachd.
- Yes, and also organic and free-range.
- Anna: O, dè gheibh mi?
- Oh, what will I get?
- Assistant: Tha sin an urra ribh fhèin, tha eagal orm.
- That’s up to you, I’m afraid.