
Unit 15 - Playing sport and having fun
In order to see this content you need to have both Javascript enabled and Flash installed. Visit BBC Webwise for full instructions
- Cairistìona: Halò a Dhonnchaidh.
- Hello Duncan.
- Donnchadh: A Chairistìona, a bheil an iomain a' còrdadh riut?.
- Christine, are you enjoying the shinty?
- Cairistìona: Tha gu dearbh. 'S e geama math a th' ann.
- Yes. It's a good game.
- Donnchadh: Tha iad co-ionann.
- They're equal.
- Cairistìona: Aon tadhal an urra, an e?
- One goal to each side, is it?
- Donnchadh: Chan e. Dà thadhal an urra.
- No. Two goals to each side.
- Cairistìona: O, chaill mi toiseach a' gheama.
- Oh, I missed the start of the game.
- Donnchadh: 'S e Cinn a' Ghiuthsaich as fheàrr, ge-tà.
- Kingussie are the better side, however.
- Cairistìona: Tha mise a' toirt taic do Bhail' Ùr an t-Slèibh.
- I'm supporting Newtonmore.
- Donnchadh: Carson a tha sin?
- Why is that?
- Cairistìona: Bha mo sheanair à Bail' Ùr an t-Slèibh.
- My grandfather was from Newtonmore.
- Donnchadh: Seall, chuir iad tadhal.
- Look, they scored.
- Cairistìona: Cò?
- Who?
- Donnchadh: Bail' Ùr an t-Slèibh
- Newtonmore.
- Cairistìona: Agus bhris an cluicheadair an caman aige.
- And the player broke his shinty stick.
- Donnchadh: Bhris. Ach tha e toilichte.
- Yes. But he is pleased.
- Cairistìona: Tha Bàil' Ùr an t-Slèibh air thoiseach, trì gu dhà.
- Newtonmore are ahead, three to two.
- Donnchadh: Is dòcha gun tog iad Cupa na Camanachd.
- Perhaps they will lift the Camanachd Cup.
- Cairistìona: Is dòcha. Bhiodh sin math.
- Perhaps. That would be good.
- Donnchadh: Bhiodh do sheanair toilichte.
- Your grandfather would be happy.
- Cairistìona: Bhitheadh, gun teagamh.
- He would, without doubt.