
Unit 10 - Talking about music and dance
In order to see this content you need to have both Javascript enabled and Flash installed. Visit BBC Webwise for full instructions
- Iain: Dè an ceòl a tha sin?
- What music is that?
- Raonaid: Sin Cinn Tìre. 'S e còmhlan Albannach a th' ann.
- That's Kintyre. It's a Scottish group.
- Iain: Tha iad math. Am bi iad a' seinn ann an Gàidhlig?
- They're good. Do they sing in Gaelic?
- Raonaid: Bithidh, gu dearbh. Agus tha iad math gun teagamh.
- They certainly do. And they are good, without doubt.
- Iain: Am bi thusa a' seinn?
- Do you sing?
- Raonaid: Cha bhi. Chan eil mi math air seinn.
- No. I'm not good at singing.
- Iain: Am bi thusa a' seinn?
- Do you sing?
- Raonaid: Bithidh. Ach chan eil mi ann an còmhlan.
- Yes, but I'm not in a group.
- Iain: Am bi thu a' seinn aig mòdan?
- Do you sing at mods?
- Raonaid: Bithidh. Bidh mi aig a' Mhòd Nàiseanta am bliadhna.
- Yes. I will be at the National Mod this year.
- Iain: An robh thu a-riamh aig fèis?
- Were you ever at a fèis?
- Raonaid: Bha. Ach cha robh mi a' seinn.
- Yes, but I wasn't singing.
- Iain: Dè bha thu a' dèanamh?
- What were you doing?
- Raonaid: Bha mi ag ionnsachadh na fìdhle.
- I was learning the fiddle.
- Iain: A bheil fìdheall agad?
- Do you have a fiddle?
- Raonaid:: Tha. Tha fìdheall ùr agam.
- Yes. I have a new fiddle.