
Unit 07 - The weather – a good ice breaker
In order to see this content you need to have both Javascript enabled and Flash installed. Visit BBC Webwise for full instructions
- Iain: Tha i brèagha an-diugh.
- It is lovely today.
- Helen: Gu dearbh, tha. ’S e là brèagha a th’ ann.
- It certainly is. It is a fine day.
- Iain: Cha robh i brèagha an-dè.
- It wasn’t beautiful yesterday.
- Helen: Cha robh, gu dearbh. Bha i fliuch agus fuar.
- It certainly wasn’t. It was wet and cold.
- Iain: Bha an t-uisge ann fad an là.
- It was raining all day.
- Helen: Cha robh an t-uisge ann fad an là ann an Inbhir Nis.
- It wasn’t raining all day in Inverness.
- Iain: Uill, bha an seo anns an Eilean Sgitheanach.
- Well, it was here on the Isle of Skye.
- Helen: Ach tha i grianach an-diugh.
- But it is sunny today.
- Iain: Tha. Tha i grianach agus blàth.
- Yes. It is sunny and warm.
- Iain: ’S e deagh là a th’ ann.
- It’s a good day.
- Helen: ’S e, gu dearbh. ’S e droch là a bh’ ann an-dè ach ’s e deagh là a th’ ann an-diugh.
- It certainly is. It was a bad day yesterday but it is a good day today.