Misean 2: Corp boglaich

Mu Mhisean 2: Corp boglaich



Ag obair tro Misean 2: Corp boglaich, bidh cothrom air còig gnìomhan Saidheans stèidhichte air corp a tha dha lorg glèidhte ann am boglach. Geibhear cuideachd barrachd a-mach mu sgeulachd Axon.

Mun chorp
Chaidh corp a lorg ann am boglach mònach. Cuir crìoch air na trì pìosan obrach seo agus feuch ri nas urrainn dhut fhaighinn a-mach mun deidhinn. Dèan sgrùdadh air na dealbhan den chorp gus fiosrachadh fhaighinn mu bheatha agus mu bhàs an neach. Coimhead air na fiaclan gus an aois a bha e nuair a bhàsaich e a dhearbhadh, agus tomhais na cnàimhean gus àirde a' chuirp a lorg.

Mun bhoglaich
San obair seo, tha an luchd-ionnsachaidh a' faighinn fiosrachadh mu chruinn-eòlas, clach-eòlas, ceimigeachd agus bith-eòlas boglaich shearbhagaich. Fhad 's a tha iad a' lorg fiosrachadh, tha iad a' smaoineachadh air dè a tha feumail ann a bhith a' gleidheadh stuthan a bha beò. Tha cothroman ann thar chuspairean, oir chan ann a-mhàin ag ionnsachadh mu eag-shiostam na mòintich a thathar, ach cuideachd air a' bhuaidh a th' air a bhith aig mac an duine air àrainneachdan agus air eachdraidh chun an latha an-diugh. Tha an obair misneachail, agus tha seo a' cumail an aire air a' chuspair fhèin.

Tha cothroman ann a tha a' freagairt air diofar roinnean den churraicealam, a' coimhead air fiosrachadh mun chaitheamh-beatha a bh' aig an neach, mu bhith-eòlas, agus a' feuchainn ris an fhiosrachadh seo a chur ri àm shònraichte ann an eachdraidh.

Casg an lobhaidh
Tha an obair seo a' rannsachadh mar a bheir diofar shuidheachaidhean buaidh air lobhadh. Feumaidh an neach-ionnsachaidh rannsachadh a dhèanamh air a' bhuaidh a th' aig diofar ìrean de dh'uisge, ocsaidean, pH no teothachd air lobhadh a' chuirp. 'S e amas na h-obrach suidheachadh a lorg far an tèid corp a ghleidheadh, 's mar sin, gheibh an neach-ionnsachaidh air co-dhùnaidhean a ruighinn mun ùine a dh'fhaodadh an corp boglach a bhith air a bhith ann.

Deuchainnean air meatailtean
Chaidh nithean meatailt a lorg còmhla ris a' chorp ann am boglach Cors Las. Tro bhith a' faighinn a-mach cuin a chaidh an dèanamh, dh'fhaodadh seo aois a' chuirp innse. Chaidh nithean meatailt à Linn an Iarainn a lorg o chionn bliadhna no dhà ann am boglach eile, faisg air far an deach an corp a lorg. Dèan deuchainnean air na nithean meatailt a thàinig às an dà àite ann an eadar-sgaoilidhean searbhagach. Innsidh seo dhut dè th' annta, agus faodaidh tu coimeas a dhèanamh eatorra.

Tha an obair seo a' toirt chothroman thar a' churraicealam, a' coimhead air eachdraidh às-tharraing mheatailtean, agus mar a dh'fhaodas na meatailtean a th' anns gach stuth fiosrachadh cudromach a thoirt do arc-eòlaichean.

Duilleagan agus poilean
Tha Duilleagan agus Poilean air a chleachdadh gus lusan aithneachadh agus an seòrsachadh. Le bhith a' cleachdadh dà inneal shìmplidh, gheibhear a-mach dè na lusan a chaidh a lorg sa bhoglaich.

Tha an obair a' toirt chothrom a' mhòinteach a thoirt fa chomhair luchd-ionnsachaidh mar àite feumail ann an eachdraidh. Tha stuth glèidhte ann am mòine a' toirt dhut fiosrachadh mun aimsir, air lusan, 's air iomadach rud eile, thar ùine.

Tha an obair cuideachd a' toirt chothroman thar a' churraicealam airson coimhead ri ciamar a thathar air a bith a' cleachdadh lusan tro eachdraidh. Ann an seo, tha seòrsa an lusa a' toirt fiosrachadh dhuinn a bheir freagairtean a thaobh cò às a thàinig an corp a chaidh a lorg sa bhoglaich.



Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.