Ceanglaichean Curraicealaim
'S e gnìomhan fosgailte a th' anns na rannsachaidhean, far am faodar diofar bhun-bheachdan matamataigeach fheuchainn. Tha smachd aig an neach-cluiche air an t-suidheachadh. Faodar an suidheachadh atharrachadh, a' toirt cothrom pàtrain a chruthachadh agus a lorg agus duaisean a chosnadh.
Loidhne àireimh
Ann an geamannan Choinein, tha an cluicheadair airson Coinean a chuideachadh ann a bhith a' cruinneachadh a' ghlasraich gu lèir anns cho beag de dh' oidhirpean 's a ghabhas. Tha leum no a' cur deis-leum eile air a' choineanach a' cunntadh mar aon chothrom.
Tric, tha barrachd air aon dòigh ann airson na lusan a chruinneachadh anns cho beag de dh' oidhirpean 's a ghabhas.
| Gnìomh | An Tràth Ìre | A' Chiad Ìre |
Ann an rannsachadh a' Choinein, tha neach-cleachdaidh a' cur glasraich, uilebheistean agus trampoileanan air an loidhne àireimh. Tha iad a' taghadh diofar dheisean-leum airson Coinean agus tha iad a' toirt air leum thar na loidhne àireimh, a' feuchainn ri:
Tha na diofar loidhnichean àireimh a' misneachadh daoine òga gus diofar sreathan de leuman fheuchainn a-mach. | I have explored numbers, understanding that they represent quantities and I can use them to count, create sequences and describe order. MNU 0-02a I use practical materials and can 'count on and back' to help me to understand addition and subtraction, recording my ideas and solutions in different ways. MNU 0-03a I have spotted and explored patterns in my own and the wider environment and can copy and continue these and create my own patterns. MTH 0-13a | I can use addition, subtraction, multiplication and division when solving problems, making best use of the mental strategies and written skills I have developed. MNU 1-03a I can continue and devise more involved repeated patterns or designs, using a variety of media. MTH 1-13a Through exploring number patterns, I can recognise and continue simple number sequences and can explain the rule I have applied. MTH 1-13a |
Sgilean Matamataig ann an loidhne àireimh
Airson gach suidheachadh, tha buaidh aig aon dhe na h-obrachaidhean a leanas air Coinean:
- a' cunntadh air adhart (a' cur-ris) ann an 1, 2, 10
- a' cunntadh air ais (a' toirt air falbh) ann an 1, 2, 10
- a' laigh air sreath de dh'iomadan de 2, 5 no 10; a' laigh air àireamh chòrr
- a' laigh air àireamh chothromach
- a' dèanamh obair mhùiteach, m.e. a' cur-ris 5 agus an uair sin a' toirt air falbh 5
- a' laigh air iomad de 10
- a' laigh air 100
- a' dùblachadh m.e. a' tòiseachadh air 4 agus a' cur-ris 4 gus laigh air 8
- a' laigh air àireamh negative.
Smeabalan
Ann an rannsachadh an t-Sionnaich, thathar a' dèanamh àireamhan gus soitheach-fànais a lìonadh le smeabalan le bhith a' cliogadh air siutan. Nuair tha an soitheach-fànais air a lìonadh, tha i a' sgèith air falbh agus tha àite agus soitheach eile a' nochdadh.
Tha an neach-cleachdaidh a' feuchainn ris an t-soitheach-fànais a lìonadh anns cho beag de dh'oidhirpean 's a ghabhas. Tha cliog air aon dhe na siutan a' cunntadh mar aon oidhirp. Aig deireadh geama tha an neach-cleachdaidh a' faighinn bonn òir, airgid no umha.
Faodar geamannan a chleachdadh leis a' chlas air fad, le paidhrichean de sgoilearan, no le clann leotha fhèin. Tha diofar dhòighean sam faodar an cleachdadh, mar eisimpleir:
- Aig deireadh geama dh'fhaodadh an sgoilear coimhead ri ath-chluich den ghèam. Dh'fhaodadh seo a bhith feumail ann a bhith a' leigeil don sgoilear faicinn na rinn e agus faicinn far am faodadh dòigh-obrach na b' fheàrr a bhith air a chleachdadh.
- Dh'fhaodar sgoilearan a mhisneachadh gus cluich ann am buidhnean beaga, a' bruidhinn air, agus a' mìneachadh, na dòighean-obrach aca.
| Gnìomh | An Trath Ìre | A' Chiad Ìre |
- Soithich-fànais - feumar àireamh de smeabalan a chur a-steach a bheir suim sònraichte dhaibh. - Soithichean Àireamh - feumaidh na sgoilearan an t-suim fhaighinn a tha ann an uinneagan a' bhàta. - Soithichean Òrduigh - feumaidh sgoilearan àireamhan a chur annta seo a tha a' freagairt riaghailt a' bhàta. Tha àireamhan air an dèanamh an-àirde à diofar phàirtean, m.e. tha 23 air a dèanamh le 20 agus 3. Le bhith a' cliogadh air na smeabalan san t-sloc, chithear diofar dhòighean sam faodar an àireamh a dhèanamh. | I have explored numbers, understanding that they represent quantities and I can use them to count, create sequences and describe order. MNU 0-02a I use practical materials and can 'count on and back' to help me to understand addition and subtraction, recording my ideas and solutions in different ways. MNU 0-03a I have spotted and explored patterns in my own and the wider environment and can copy and continue these and create my own patterns. MTH 0-13a | I have investigated how whole numbers are constructed, can understand the importance of zero within the system and can use my knowledge to explain the link between a digit, its place and its value. MNU 1-02a I can use addition, subtraction, multiplication and division when solving problems, making best use of the mental strategies and written skills I have developed. MNU 1-03a I can continue and devise more involved repeated patterns or designs, using a variety of media. MTH 1-13a Through exploring number patterns, I can recognise and continue simple number sequences and can explain the rule I have applied. MTH 1-13a |
Sgilean Matamataig ann am Smeabalan
Airson gach suidheachadh, tha buaidh aig aon dhe na h-obrachaidhean a leanas air Sionnach:
- a' cunntadh air adhart (a' cur-ris) ann an 2, 3, 10
- a' cunntadh air ais (a' toirt air falbh) ann an 2, 3, 10
- a' dèanamh iomadan de 2, 5 no 10
- a' dèanamh àireamh chòrr
- a' dèanamh àireamh chothromach
- a' dèanamh obair mhùiteach, m.e. a' cur-ris 5 agus an uair sin a' toirt air falbh 5
- a' dèanamh iomad de 10
- a' dèanamh 100
- a' dùblachadh.
Bhidiothan
Tha bhidio aig deireadh gach geama anns a bheil òrain a' mìneacahdh sgil fuasglaidh sònraichte leithid:
- a' planadh
- a' feuchainn is a' leasachadh
- a' smaoineachadh ann an dòigh eadar-dhealaichte
- a' lorg phàtrain
- a' lorg dòigh-obrach a tha freagarrach
- a' cur duilgheadas ann an suidheachadh cumanta
- a' dèanamh dealbh dhen duilgheadas
- a' bruidhinn mu dhuilgheadasan
- a' faighneach 'dè ma?'
- a' briseadh dhuilgheadasan sìos
- a' lorg dol-às nuair nach fhaighear air adhart.