Clann an latha an-dè

Notaichean Pàrant & Tidsear



'S e goireas airson Cuspairean Sòisealta, a tha a' cuimseachadh air Eachdraidh, a th' ann an Clann an latha an-dè. Tha na gnìomhan nan cothroman dha sgoilearan a tha ag obair a dh'ionnsaigh na dara ìre den Churraicealam airson Sàr Mhathais. Tha an làrach-lìn seo a' brosnachadh fuasgladh cheistean agus sgilean breithneachaidh. Tha luchd-cleachdaidh air am brosnachadh gu bhith a' cleachdadh fiosrachadh airson fianais a mheas agus co-dhùnaidhean a ruighinn.

Tha tidsearan air am brosnachadh airson sgoilearan a mhisneachadh gu bhith a' leasachadh ro-innleachdan airson ro-mheasaidhean. Dh'fhaodadh luchd-leantainn seòrsachadh ath-leasaichte Bloom (ri fhaighinn air Glow taobh a-staigh coimhearsnachd na Gàidhlig is na Litearrachd) smaoineachadh breithneachail a bhrosnachadh.

Tha còig dìomhaireachdan rim fuasgladh. Tha iad suidhichte ann an Linntean Bhictoria is Eideirt, àm an Dara Cogaidh agus san latha an-diugh.

Tha Clann an latha an-dè a' cur taic ri prionnsabalan is cleachdaidhean le cothroman airson diofar thùsan is ghoireasan a rannsachadh agus a mheas. Tha na gnìomhan a' toirt chothroman dha sgoilearan a bhith:

- a' cleachdadh tùsan dàrnach gu tuigseach airson tachartasan san àm a dh'fhalbh a rannsachadh.
- a' mìneachadh fianais eachdraidheil bho raon de dh'amannan airson faireachdainn ùineadaireachd a leasachadh.

Mar a tha an neach-cleachdaidh a' coimhead airson fianais, bithear ag ionnsachadh iomadh nì iongantach mu bheatha na cloinne a th' anns na dìomhaireachdan gu h-àraidh san dachaigh agus anns an sgoil. Bidh eòlaichean a' stiùireadh an neach-cleachdaidh tro gach dìomhaireachd agus bidh iad a' roinn an eòlais mu gach linn agus a' toirt fiosrachadh seachad mu na nithean a lorgas iad.


A' Fuasgladh nan Dìomhaireachdan


Tha ceithir àiteachan ri rannsachadh anns gach dìomhaireachd. Cliog air na nithean gus cluinntinn dè am fiosrachadh a th' aig na h-eòlaichean mun deidhinn.

An dèidh gach àite a rannsachadh feumaidh an neach-cleachdaidh taghadh a dhèanamh air fuasgladh dhan dìomhaireachd agus aon nì a thaghadh airson a chleachdadh mar fhianais. Thèid am fiosrachadh a chaidh a chruinneachadh a shàbhaladh ann am pasgan na fianais. Faodar faighinn gun fhiosrachadh seo aig àm sam bith agus a chlò-bhualadh aig crìoch na dìomhaireachd. An dèidh tadhal air a' cheathramh àite bidh an neach-cleachdaidh a' taghadh fuasgladh deireannach don dìomhaireachd mus foillsich an t-eòlaiche gach nì.

Thoir a-nuas pasgain fiosrachaidh airson an clò-bhualadh

Na Còig Dìomhaireachdan:


Spòrs sa Chaisteal (Alba, 1856)
Tha beagan sheudan air a dhol air chall gu dìomhair bho dachaigh an teaghlaich Moireach. Tha Ceit, an t-searbhaint-taighe, fo amharas. An ise am mèirleach?

Am Muga Dìomhair (Sasainn, 1897)
'S e Iubailidh Daoimein Bànrigh Bhictoria a th' ann. Tha muga sònraichte iubailidh Ealasaid air a dhol a dhìth. Càit a bheil e?

An Ruagaire-Eòin (Bridgend, 1910)
Tha Peadar MacUilleim air a dhol a dh'fhuireach air tuath còmhla ri antaidh is uncail. Tha nithean air an goid agus chan eil sgeul air Peadar. Càit an deach e?

Balach a' Bhliots (Beul Feirste, 1941)
Chan eil sgeul air Seumas Mac a' Ghobhainn agus a chù, Dìleas, sa mhadainn an dèidh ionnsaigh throm adhair. An urrainn dhut faighinn a-mach dè a thachair dha Seumas agus Dìleas?

Dìleab nam Moireach (Liverpool, an latha an-diugh)
Thig cuideigin a-steach air fortan an teaghlaich Moireach. Cuidich Bilidh a' fuasgladh na dìomhaireachd gus an duais a bhuannachadh airson an oighre a lorg.

Fuaim agus Teacsa
Cliog air putan nan Rogainnean airson na leanas a dhèanamh:

  • fo-thiotalan fhaighinn air a' chuid mhòr den shusbaint
  • atharraich meud na teacsa air an sgrion
  • dèan atharrachadh air an teacsa agus air dathan a' chùil-raoin.


Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.