Coimiseanadh tro mheadhan na Gàidhlig
Às Ùr | GAIRM AIRSON LUCHD-CRUTHACHAIDH DIDSEATACH
An tusa an ath Amelia Dimoldenberg? Bheil thu ri cleas mar na Sidemen? Bheil thu cho èibhinn ri whatsername1.0? Nas cudromaiche buileach, an urrainn dhut a dhèanamh le guth làidir, fìor Gàidhlig?
Tha MG ALBA a’ sireadh ghuthan ùra dàna, beachdan ùra agus tàlant ùr sa Ghàidhlig.
Carson? Tha sinn airson luchd-cruthachaidh Gàidhlig ùra agus iadsan a tha a’ tighinn am bàrr àrach, an cuideachadh gus ceangal a dhèanamh ri chèile, agus ar luchd-cleachdaidh òg a leasachadh thar ùrlaran didseatach.
Ma tha thu cruthachail, làn tarraing pearsa agus ma tha sgeulachdan agad a tha Gàidheil òga airson a chluinntinn, tha sinn airson cluinntinn bhuat.
Na tha ri thabhann
Thèid suas ri 20 luchd-cruthachaidh a thaghadh a thighinn còmhla rinn gus leasachadh bheachdan cruinn còmhla + cothrom taisbeanaidh ann an dà àite ann an Alba, far am faigh thu:
• Bùthan-obrach practaigeach air an dealbhadh gus do chuideachadh le bhith a’ leasachadh do bheachd agus do thaisbeanadh
• Cothrom ceangail ri luchd-cruthachaidh Gàidhlig eile bho air feadh Alba
• An cothrom do bheachd a thaisbeanadh air beulaibh pannal de phroifeiseantaich gnìomhachais
Às an sin, thèid còignear luchd-cruthachaidh sònraichte a thaghadh airson pìosan coimiseanaichte, nam measg:
• Meantoradh bho phroifeiseantaich gnìomhachais
• Bùthan-obrach trèanaidh
• Buidseat riochdachaidh
• Sgaoileadh air ùrlaran BBC ALBA, no ùrlaran didseatach eile
Na tha sinn a’ sireadh
Tha sinn ag iarraidh bheachdan a tha a’ faireachdainn ùr, co-aimsireil agus gun teagamh Gàidhlig - susbaint a bhruidhneas gu dìreach ri Gàidheil òga, ach aig a bheil an spionnadh a dhol nas fhaide na an luchd-cleachdaidh sin cuideachd.
Faodaidh beachdan susbaint a bhith nan tachartasan aon-uaire, no sreath a tha gu nàdarrach a’ suidhe air YouTube NO TikTok / Instagram / YouTube Shorts.
Dh’fhaodadh do bheachd a bhith:
• Comadaidh ‘Lo-fi', a tha fìor didseatach. Smaoinich air leithid Michael Aldag ; Short Stuff
• Pìosan fìrinneach a tha ag amas air òigridh. Smaoinich air leithid A view from the bridge ; Meditations of an anxious mind ; Saith tip Nick i ddysgu Cymraeg! Seven controversial tips to help you learn Welsh
• Susbaint dòigh-beatha agus ealain, le pearsantachd agus tàlant, leithid Caroline McQuistin ; Homophobia in 2018 | Time for Love ; Travelling Solo: Van Life in Scotland
• Dibhearsain spòrsail goirid, leithid Weather forecast with a Twist ; Marjolein Robertson ; Beadai
Cruth
• Fad: a rèir feumalachdan an ùrlair / sgeulachd
• Fàilte air a h-uile gnè
• Ùrlaran / Cruth: YouTube (16:9) NO TikTok / Instagram / YouTube Shorts (9:16)
• Feumaidh beachdan a bhith tarraingeach do luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig eadar 18–35 bliadhna a dh'aois, agus iomadachd cultar na Gàidhlig a thaisbeanadh
• Bidh am buidseat stèidhichte air beachdan
Cò as urrainn tagradh a dhèanamh
Tha an cothrom seo fosgailte do:
• Aois 18+
• Luchd-labhairt na Gàidhlig - bho luchd-ionnsachaidh gu luchd-labhairt fileanta
• Stèidhichte ann an Alba, le còir obrach
• Comasach air eòlas air an sgrion a shealltainn, m.e. air na h-ùrlaran meadhanan sòisealta agad fhèin, no le bhith a’ cur test tape thugainn.
Ma tha rudeigin agad ri ràdh sa Ghàidhlig agus an cruthachalachd airson a ràdh nad dhòigh fhèin, tha sinn airson cluinntinn bhuat.
Mar a chuireas tu a-steach iarrtas
1. Cruthaich do SMASH Pitch an-asgaidh aig app.mysmash.media
2. Tog do Snapshot a’ cleachdadh nan eileamaidean riatanach gu h-ìosal
3. Brùth air ‘Share Project’ agus tagh BBC ALBA air duilleag Call Out
4. Cuir a-steach ro 23 Faoilleach 2026
Na dh’fheumas tu na do phitch SMASH
Feumaidh na leanas a bhith san tagradh agad:
• Logline
• Cruth, gnè, suidheachadh agus fad
• Bio goirid agus eisimpleirean de dh’obair a rinn thu roimhe
• Geàrr-chunntas air do bheachd
• Sealladh cruthachail — carson seo, carson an-dràsta, carson thusa
• Iomradh air dealbhan & stoidhle (Le eisimpleir thumbnail / stoidhle)
Cha tèid gabhail ri tagraidhean aig a bheil na h-eileamaidean seo a dhìth.
A’ dìon do IP
Bidh do bheachdan fhathast leatsa. Bidh SMASH gu fèin-obrachail a’ cur stampa-ama air agus a’ stòradh gu tèarainte a h-uile rud a luchdaicheas tu suas, a’ toirt dhut clàr didseatach dearbhte de shealbh. Chan eil do phitch air a cho-roinn ach nuair a thaghas tu, leis na daoine a thaghas tu. Is e seo Pitch Protection - gus an urrainn dhut an obair agad a cho-roinn le misneachd.
Prìomh chinn-latha
• Ceann-latha airson tagraidhean: 23 Faoilleach 2026
• Geàrr-liosta air ainmeachadh: 6 Gearran 2026
• Bùth-obrach air Tairgsean (Riatanach do luchd-cruthachaidh air geàrr-liosta)
a. Glaschu: 18 Gearran 2026
b. Steòrnabhagh: 20 Gearran 2026
• Tairgse Beò: Air latha a’ bhùth-obrach air Tairgsean
• Àite: Alba
Teirmichean & Cumhaichean
• Ma thèid do choimiseanadh, tha thu ag aontachadh a bhith an làthair aig bùthan-obrach trèanaidh buntainneach (suas ri 5 latha)
• Ma thèid do choimiseanadh, thathar an dùil gun cùm thu ri poileasaidhean BBC & MG ALBA (fo stiùireadh am Meantor)
• Ma thèid do choimiseanadh, tha thu ag aontachadh innse sa bhad mu rud sam bith a dh’fhaodadh tu a bhith air a dhèanamh san àm a dh’fhalbh no an-dràsta a dh’fhaodadh droch chliù a thoirt air a’ BhBC
• Gheibh thu coidseadh + taic tron riochdachadh
• Bidh bùthan-obrach trèanaidh a’ ruith eadar a’ Ghearrain agus a’ Chèitein
• Bidh an ùine riochdachaidh eadar a’ Chèitein agus na Sultaine
• Bidh an ìre coimisein eadar £300 - £800 gach pìos, a rèir a’ bheachd + an raoin
CUAIRT COIMISEANAIDH BBC ALBA, FOGHAR 2025
Tha BBC ALBA ag amas air stuthan a lìbhrigeadh a tha freumhaichte, fiosrachail agus ris am faodar ceangal a dhèanamh. Agus tha sinn amasach, le sealladh farsaing airson ar cànan agus ar cultar a thaisbeanadh gu h-eadar-nàiseanta.
Tha sinn a' sireadh mholaidhean dàna airson prògraman aithriseach a bhios comasach air luchd-amhairc farsaing a thàladh, a thuilleadh air beachdan cruthachail a dh'fhaodadh aithne is cliù a chosnadh don t-seanail.
PRÌOMHACHASAN COIMISEANAIDH
- Tha sinn a' sireadh susbaint aithriseach a bheir buaidh. Tha fàilte ro phrògraman le caractaran is sgeulachdan làidir a tha freumhaichte ann am beatha an latha an-diugh.
- Beachdaichidh sinn air sreathan cur-seachad a tha air a bhith soirbheachail le luchd-cleachdaidh cheana.
- Tha sinn a' sireadh bheachdan a bhios tarraingeach do luchd cleachdaidh aois 18-35.
- Chan eil sinn a' sireadh chuspairean eachdraidheil ach beachdaichidh sinn air sgeulachdan ceangailte ri spòrs bho na deicheadan a dh'fhalbh; no sgeulachdan le ceangal co-aimsireil, dòigh-obrach ùr-ghnàthach, no aig a bheil ceangal dearbhte le craolaidear(an) eile.
- Chan eil sinn a' sireadh thagraidhean mu thachartasan ciùil ach beachdaichidh sinn air prògraman aithriseach ciùil.
- Ged nach eil co-mhaoineachadh riatanach chuireadh sinn fàilte air beachdan le ceangal maoineachaidh ri craoladairean/maoineadairean eile.
PRÌOMHACHASAN CLÀIR
- Tha a' chuairt seo airson susbaint a thèid a lìbhrigeadh do chlàr 2026, iPlayer agus YouTube BBC ALBA.
- Tha sinn a' sireadh susbaint sònraichte, tarraingeach a sheasas a-mach an dà chuid aig prìomh amannan anns a' chlàr loidhneach, agus air iPlayer.
- Tha fàilte ro bheachdan airson sreathan a thèid am foillseachadh air iPlayer agus YouTube BBC ALBA an toiseachd. Bu chòir rudeigin sònraichte a bhith aig cridhe molaidhean iPlayer agus YouTube gus am bi luchd-amhairc air am beò-ghlacadh bhon fhìor thoiseach. Bu chòir prògraman a bhith sgiobalta, dàna, dathte agus eirmseach. Bu chòir dhaibh a bhith comasach air a bhith air an deasachadh a' cleachdadh modhan lìbhrigidh didseatach.
DREACHAN AGUS FAID
- Beachdaichidh sinn air molaidhean airson prògraman aithriseach fa-leth agus sreathan goirid.
- Bidh sinn sùbailte a thaobh faid a rèir a' bheachd fhèin.
- Beachdaichidh sinn air prògraman nas fhaide aithriseach a dh'fhaodadh a bhith air an taisbeanadh ann an taighean-dheilbh mus nochd iad air TBh loidhneach. Thathas an dùil gun tig prògraman aithriseach fada le co-mhaoineachadh no gum bi plana ionmhais co-mhaoineachaidh nan cois.
CO-MHAOINEACHADH
Thèid prìomhachas a thoirt do bheachdan a bheir aire do thuilleadh maoineachaidh bho leithid:
- Maoin Susbaint Craolaidh Alba Chruthachail
https://www.creativescotland.com/funding/funding-programmes/targeted-funding/screen
- Creideasan Cìse BFI
https://www.bfi.org.uk/supporting-uk-film/british-certification-tax-relief
TAGRAIDHEAN
Bu chòir do thagraidhean a bhith mu dhuilleag no dhà (aig a' char as fhaide) agus feumar iomradh a thoirt air na leanas:
- Tiotal a' phrògraim. Bu chòir seo a bhith goirid, soilleir is tarraingeach do dhaoine a' coimhead air iPlayer; facail a sheasas a-mach agus a ghlacas brìgh cuspair a' phrògraim. Feuch an toir thu seachad ainm Gàidhlig is Beurla.
- Cruth. An àireamh de phrògraman agus am faid.
- Luchd-amhairc air a bheileas ag amas. Dè an seòrsa sluaigh air a bheil am prògram ag amas?
- Buidseat. Cosgais gach prògram agus/no an t-sreath slàn (mar a bhios iomchaidh).
- Geàrr-chunntas. Beachd a' phrògraim gu sgiobalta.
- Susbaint. Geàrr-chunntas den sgeulachd, le fiosrachadh mu na prìomh dhaoine a bhios air an sgrion (le cothrom am faicinn air bhidio goirid ma tha sin comasach), an dòigh-obrach agus an stoidhle cruthachail. Mas e sreath a th' ann, innis dhuinn dè tha tarraingeach mu dheidhinn agus dè bheireadh air an luchd-amhairc tilleadh airson barrachd.
- Dearbhadh. Feumar dearbhadh fhaicinn air aonta bho na daoine, an sgeulachd air a neo an làrach air a bheil an sgeulachd stèidhichte. Feumaidh seo a bhith stèidhichte air còmhraidhean agus chan ann air beachd.
- Dreach dealbh son iPlayer. Rudeigin tarraingeach agus grafaigeach; ciamar a ghlacas sùil an neach-coimhid agus am brosnachadh gus coimhead?
- Dhà no trì ìomhaighean làidir
- Prìomh sgioba far-sgrion
- Meadhanan didseatach. Iomradh air planaichean didseatach is sòisealta. Innis dè bhios an cois a' bheachd a thaobh susbaint taic didseatach m.e. reels, mìrean goirid, msaa. Ciamar a bheir seo taic don bheachd air a neo bheil e mar susbaint a bharrachd agus fa-leth.
- Beachd air cothroman margaidheachd
Dèanaibh cinnteach gu bheil na h-eileamaidean riatanach seo uile anns an tagradh agaibh.
Cuiridh sinn fàilte air blasad den bheachd fhaicinn air bhidio goirid ged nach eil seo riatanach. Ach, ma tha daoine nach eil air nochdadh anns na meadhanan roimhe an sàs tha ro-shealladh air bhidio deatamach.
Feuch nach cuir sibh ainmean dhaoine ri na tagraidhean mura deach bruidhinn riutha agus gun do sheall iad ùidh ro-làimh.
DEITICHEAN AIRSON TAGRAICHEAN
Ceann-latha airson beachdan: Diluain 29 Sultain, 5f
Aon uair 's gu bheil na tagraidhean uile aig an Sgioba Coimiseanaidh, thèid breithneachadh orra gu mionaideach agus thèid geàrr-liosta a dhèanamh de na beachdan a thathar a' measadh as làidire anns a' chuairt.
Thèid coinneamh a thabhainn an uair sin le Riochdairean gus bruidhinn air na pròiseactan air a' gheàrr-liosta. 'S e cothrom a bhios an seo sgrùdadh a dhèanamh air na tagraidhean ann am barrachd doimhneachd.
Tha sinn an dùil coinneachadh le Riochdairean aghaidh ri aghaidh aig Cidhe a' Chuain Shèimh ann an Glaschu no air loidhne air 9 / 10 Dàmhair agus air 20 / 21 Dàmhair.
Às dèidh nan coinneamhan seo, bidh sinn ag amas air fiosrachadh a sgaoileadh mu ar co-dhùnaidhean coimiseanaidh air 31 Dàmhair.
Bu chòir tagraidhean agus ceistean sam bith mu rud sam bith sa Chuairt Coimiseanaidh seo a chur gu Claire NicDhòmhnaill agus Jennifer NicCoinnich aig: [email protected]
Cò Sinn?
- Ceannard Craoladh Gàidhlig & Caidreachas: Mairead Mairi Mhoireach
- Stiùiriche Leasachadh Susbaint: Mairead Chamshron
- Deasaiche Coimiseanaidh: Uilleam MacLeòid
- Neach-coimiseanaidh: Fiona NicChoinnich
- Neach-coimiseanaidh: Calum McConnell