BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Aigcridhearciuil

BBC Homepage
Scotland
Alba
Tbh

Aig Cridhe ar Ciuil
Facail nan Oran
Cuspairean nan Sreatha
Cruthaich Ceol
Dealbhan

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Poileataics
Tha mi am chadal

Èist an seo


Gur diombach mi 'n iomairt,
Chuir gach fin' air fògradh;
Tha mi am chadal 's na dùisgibh mi
Gun aighear gun eibhneas,
'S gun reiteach o Dheòrsa ;
Tha mi am chadal 's na dùisgibh mi.
Gur h-ioma bean uasal,
Tha gu h-uaigneach na seomar,
Gun aighear gun èibhneas,
'S i 'g èiridh na h-onar,
Sìor chaoidh na 'n uaislean,
A fhuair iad ri phòsadh ;
Tha mi am chadal 's na dùisgibh mi.

Mo thruaighe a chlann,
Nach robh gann na 'n curaisde;
Tha mi am chadal 's na dùisgibh mi,
'N am bualadh na 'n lann,
An am na 'm buileanan ;
Tha mi am chadal 's na dùisgibh mi.
Ge d' tha sibh 'sa'n àm,
Feadh ghleann a's mhunainean,
Gu nochd sibh 'ur ceann
'N am teanndachd mar churaidhnean,
'Nuair thig Seumas a-nall.
'Si bhur lann bhios fuileachdach.
Tha mi am chadal 's na dùisgibh mi.

'S e rìgh na muice,
'S na Cuigse, rìgh Deòrsa ;
Tha mi am chadal 's na dùisgibh mi,
Mu 'n tig oirnn an t-samhainn,
Bidh amhach 's na còrdaibh ;
Tha mi am chadal 's na dùisgibh mi;
Na 'n eireadh sibh suas,
Le cruadal a's duinealachd,
Eadar islean a's uaislean,
Thuath agus chumanta,
'S gun sgiùrsadh sibh uaibh e,
Rìgh fuadain nach buineadh dhuinn;
Dheanainn an cadal gu sunndach leibh.





Òran a Chogaidh


Èist an seo

Deoch-slàinte nan gillean tha Lòbhat a' sireadh:
Deoch-slàinte nan gillean tha linne san àm
Mo dhùrachd gan tilleadh gu sàbhailte rithist
Tha mòran dhiubh bhuineas do dh'Uibhist nam beann.

Sibhse th' aig baile ri cèilidh nan taighean
Ri èisteachd gach naidheachd mar thig às an Fhraing
Gar garadh gu dòigheil mu theine math mònadh
Gur mise bhiodh deònach bhith còmh' ribh san àm.

Chan ionnan is mise 's an còrr de na gillean
Tha seasamh fo shileadh do dh'uisgeachan trom
Fo luaidhe nan Turcach is sligeannan muirte-te
Tha dòrtadh mar thuiltean gun sgur mu ar ceann.

Ged gheibhinn car tacain cead sìneadh sa phlaididh
Cha luaith nì mi cadal cha tarraing mi srann
Nuair thig fios on Choirneal a dhol ann an òrdugh
Gu seasamh an còmhrag 's a' chòmhstri oirnn teann.

Nuair thòisicheas buaireas thig stoirm mu ar cluasan
Tha 'n talalmh mun cuairt dhinn air ghluasad for bonn
Bidh gillean gun ghruaman len gunna rin gualainn
A' leagadh nan uaibhreach 's a' bhuaidh bidh i linn.

Bidh peilearan snaidhte mun cuairt oirnn am pailteas
Am fuaim a' dol seachad neo-thlachdmhor an srann
Bidh gillean bha tapaidh a' tuiteam gun fhacal
'S iad crioslaicht' an acainn gu batal nan lann.

Chan ionnan 's nuair b' òg mi a' siubhal lem gheòlaidh
'S mo chompanach còir lem bu deòin a bhith leam
Gunna 'n deagh òrdugh 's mo chù air an t-sòile
Nuair dhèanainn-sa leònadh bhiodh Dòmhnall na dheann.

Ach sguiridh mi ghearain 's a-chaoidh ann am earrann
Seasaidh mi daingeann gu cath a chur teann
Le Gaidheil a' chruadail sna blàir choisinn buaidh
Thèid an Turcach a sguabadh thar uachdar nam beann.

Tha ar dòchas 's e daingeann mu làithean na Callaig
Gu ruig sinn Istambul ged is fhad tha e thall
'S e 'm baile bheil dòchas aig Rèisimeid Lòbhat
An dramachan òl 's iad 'victorious' ann.

Mus sguir mi dhen òran mo bheannachd le deòin dhuibh
Ceud soiridh gu Flòraidh an òighe tha grinn
Tha mis' ann an dòchas gur goirid gur còmhdhail
'S air m' fhacal bidh pòg ann toirt sòlas gu cuimhn'.

[Rinn e seo aig Suvla Bay, Gallipoli ann an 1915. Na facail bho Tocher 16 le taing gu Sgoil Eòlais na h-Alba.]

Gaol
Gaol-duthcha
Abhachdas
Obair
Creideamh
Muir
Poileataics
Cogagh


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy