|  |  | Sèist: Guma slàn do na fearaibh chaidh thairis an cuan, Gu talamh a' gheallaidh far nach fhairich iad fuachd. Gu ma slàn do na fearaibh chaidh thairis an cuan. Sinn a' fàgail na tìr' seo oir cha chinnich ann nì dhuinn: Tha 'm buntàt' air dol dhìth oirnn is cha chinn iad le fuachd. Gu ma slàn do na fearaibh chaidh thairis an cuan. Sinn a' fàgail an àit' seo bhon a chuir iad mòr mhàl oirnn: Nuair a thig an Fhèill Mhàrtainn cha bhi nàir' air ar gruaidh. Gu ma slàn do na fearaibh chaidh thairis an cuan. Gheibh sinn crodh ann is caoraich, gheibh sinn cruithneachd air raoin ann, 'S cha bhi 'm fearann cho daor dhuinn 's a tha fraoch an taoibh tuath. Gu ma slàn do na fearaibh chaidh thairis an cuan. Cha bhi iad gar dùsgadh le clag Chinn a' Ghiùthsaich, Cha bhi e gu diùbhras ged nach dùisg sinn cho luath. Gu ma slàn do na fearaibh chaidh thairis an cuan. [Song lyrics sourced by the Gaelic Resource Database (GRD) for educational purposes only.]
|
|