BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Aigcridhearciuil

BBC Homepage
Scotland
Alba
Tbh

Aig Cridhe ar Ciuil
Facail nan Oran
Cuspairean nan Sreatha
Cruthaich Ceol
Dealbhan

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Darren MacIlleathain is Bannal
Clò Mhic Ghille Mhìcheil

Sèist:
Hug air clò MhicIlleMhìcheil,
Ho ro thugaibh thug dha-rìribh,
Hug air clò MhicIlleMhìcheil.

Oganaich ùir a' chùil teudaich,
'S oil leam aodach a bhith dhìth ort.

Bheir Albainn cuideachadh luadhadh,
Ma tha gruagaichean san rìoghachd.

Nì mi fhìn dhut sgioba chlèith',
Den phòr as gleusda tha sa Chrìosdachd.

Gun tig bannal oirnn à Slèite,
'S air do chlèith-s' gun dèan iad dìcheall.

Gun tig gruagaichean Chloinn Raghnaill,
Còmhlan dàicheil nach dèan dìobradh.

Thig sgiob eile à Gleanna Garadh,
Luaidheas gu faramach dìonach.

Gun tig nighneagan on Cheapaich,
A bheir caithris air mun sgìthich.

Buidheann mhaighdeann à Gleanna Comhann,
Fùcadairean coimheach rìoghail.

Gheibh sinn sgiob' eile à Eirinn,
O Iarla Anntraim nan steud rìomhach.

Dèanaibh an luadh-làmh gu guineach,
'S thugaibh fuil air mac na strìopaich!

[Song lyrics sourced by the Gaelic Resource Database (GRD) for educational purposes only.]



Gaol
Gaol-duthcha
Abhachdas
Obair
Creideamh
Muir
Poileataics
Cogagh


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy