BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Aigcridhearciuil

BBC Homepage
Scotland
Alba
Tbh

Aig Cridhe ar Ciuil
Facail nan Oran
Cuspairean nan Sreatha
Cruthaich Ceol
Dealbhan

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Bannal
Alasdair Mhic Colla Ghasda

Sèist:
Chall èileadh o hì, chall o ho rò,
Chall èileadh o hì, chall o ho rò, rò,
Challa o haora ri, chall o horo,
Haori e o ho, trom eile.


Alasdair Mhic ò hò
Cholla ghasda, ò hò,
As do làimh-s' gun ò hò
Earbainn tapadh, trom èile.

As do làimh-sa, ò hò,
Dh'earbainn tapadh, ò hò,
Mharbhadh Tighearn', ò hò,
Ach' nam Breac leat, trom èile.

Mharbhadh Tighearn', ò hò,
Ach' nam Breac leat, ò hò,
Thiodhlaiceadh e, ò hò,
'N oir an lochain, trom èile.

Thiodhlaiceadh e, ò hò,
'N oir an lochain, ò hò,
'S ged bu bheag mi, ò hò,
Thilg mi ploc air, trom èile.

Thiodhlaiceadh e, ò hò,
'N oir an lochain, ò hò,
'S ged bu bheag mi, ò hò,
Thilg mi ploc air, trom èile.

'S ged bu bheag mi, ò hò,
Thilg mi ploc air, ò hò,
'S chuir siud gruaimean, ò hò,
Niall a' Chaisteil, trom èile.

Chuala mi 'n dè, ò hò,
Sgeul nach b' ait leam, ò hò,
Glaschu bheag, ò hò,
Bhi na lasair, trom èile.

Glaschu bheag, ò hò,
Bhi na lasair, ò hò,
'S Obar Dheathain, ò hò,
Air a chreachadh, trom èile.



Gaol
Gaol-duthcha
Abhachdas
Obair
Creideamh
Muir
Poileataics
Cogagh


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy