|  |  |

Tha acaid gam thadhal dh'fhàg treaghaid am chliabh gu goirt, O na rinneas air m' adhart ad dheaghaidh-s' an triall gun toirt; Tha mise ort an tòir is mi a' meas gu robh còir agam ort: Dheagh mhic athar mo ghràidh, is tu m' aighear 's tu m' àgh 's tu m' olc.
Chaidh a' chuibhle mun cuairt, gun do thionndaidh gu fuachd am blàths: Nàile! Chunna' mi uair, Dùn flathail nan cuach a thràigh. Far 'm biodh tathaich nan duan, iomadh mathas gun chruas, gun chàs; Dh'fhalbh an latha sin uainn, 's tha na taighean gu fuaraidh fàs. Dh'fhalbh Mac-tall' às an Dùn, 'n àm sgarachdainn dhuinn r' ar triath; 'S ann a thachair e rium, air seacharan bheann, san t-sliabh. Labhair esan air thùs, "Math mo bharail gur tu, mas fìor, chunna' mise fo mhùirn, ron uiridh, an Dùn nan cliar." "A Mhic-talla nan tùr, 's e mo bharail gur tusa bhà ann an teaghlach an fhìon, 's tu 'g aithris air gnìomh mo làimh." " 'S math mo bharail gur mi, ach cha b' urrainn dhomh bhith nam thàmh; 'G èisteachd broslam do bheòil air fochar MhicLeòid an àigh." "A Mhic-talla seo bha anns a' bhaile 'n do thàr mi m' iùl, 'S ann a-nis dhuinn is lèir gu bheil mise 's tu fhèin air chùl. Rèir do chomais air sgeul, on 's fir-chomainn mi fhìn is tù, Bheil do mhuinntireas buan aig an triath ud don dual an Dùn?" "Tha Mac-talla fo ghruaim ann an talla 'm biodh fuaim a' chiùil; 's ionad tathaich nan cliar gun aighear, gun mhiadh, gun phòit; gun mhire, gun mhùirn, gun iomrachadh dlùth nan còrn, gun phailteas ri dàimh, gun mhacnas, gun mhànran beòil."
"Is mi Mac-talla bha uair ag èisteachd faram nan duan gu tiugh, Far am bu mhùirneach am beus an àm dùbhradh don ghrèin san t-sruth; Far am b' fhoirmeil na seòid, iad gu h-òrganach ceòlmhor cluth: Ge nach fhaicte mo ghnùis chluinnte aca san Dùn mo ghuth.
An àm èirigh gu moch ann an teaghlach gun sproc, gun ghruaim, chluinnte gleadhraich nan dos, 's an cèil' air a cois on t-suain: an tràth ghabhadh i làn, is i chuireadh os àird na fhuair le meòir chionalta ghnìomhach dhrithleannach dhìonach luath.
Bhiodh an rianadair fhèin cur a dh'fhiachaibh gur e bhiodh ann, 's e 'g èirigh nam measg 's an èighe gu tric na cheann; cha bu truagh leam an glaodh nuair a thuairgneadh e i gu teann, cur a thagradh an cruas le aidmheil gu luath 's gu mall.
An tràth chuirte na tàmh I le furtachd na fàrdaich fèin, dhomh-sa b' fhurast' a ràdh gum bu chuireideach gàire nan teud, le h-iomairt dhà-làmh cur am binnis do chàch an cèill: Rìgh, bu shiùbhlach rim chluais an luthadh le luasgan mheur.
"Anns an fheasgar na dhèidh an àm teasdadh don ghrèin tràth nòin, Fir a' cnapraich mun chlàr is cath air a ghnàth chur leoth'; Dà chomhairleach gheàrr gun labhairt, ge b' àrd an glòir, 'S a rìgh, bu thìtheach an guin air dhaoine gun fhuil gun fheòil.
"Gheibhte fleasgaich gun ghràin, fir a' macnas le gràdh gun ghruaim, Is mnà fhionn an fhuilt rèidh cur an grinnis an cèill le stuaim; An dèidh ceileireadh beòil dannsa oileanach òrdail suas, Le fear bogha nan còir chumail modha ri pòr an cluas.
"Thoir an teachdaireachd bhuam le deatam do Ruaraidh òg, Agus innis dha fhèin cuid de chunnart ged 's e MacLeòid: E bhith coimhead na dhèidh air an Iain a dh'èug 's nach beò; Ged bu shaidhbhir a chliù, chan fhàgadh e 'n Dùn gun cheòl.
"Ri linn nan linntean do bhà mi tathaich a ghnàth san Dùn, Ri linn iomadh MacLeòid cha b' uireasbhaidh eòlais duinn; Is chan fhaca mi riamh, on a ghineadh mo thriall air thùs, Gun Taoitear, gun Triath, gun Tighearna riamh an Dùn."
[Song lyrics sourced by the Gaelic Resource Database (GRD) for educational purposes only.]
|  |

[An clàradh le taing bho Sgoil Eòlais na h-Alba.]
Sèist: Dèan cadalan sàmhach, a chuilein mo rùin, Dèan fuireach mar tha thu 's tu an-dràsta an àite ùr; Bidh òigeirean againn làn beairt agus cliù, 'S ma bhios tu nad airidh 's leat feareigin dhiùbh.
Gur h-ann an Ameireagaidh tha sinn an-dràst' Fo dhubhar na coille nach teirig gu bràth; Nuair thilleas an samhradh 's a thionndaidheas blàths', Bidh cnothan, bidh ùbhlan, bidh siùcar a' fàs.
'S ro bheag orm fhìn na daoine seo th' ann, Len còtaichean drògaid, ad mhòr air an ceann, Lem briogaisean goirid 's iad sgoilte gum bonn, Chan fhaicear an t-osan 's e bhochdainn a th' ann.
Tha sinne nar n-Innseanaich cinnteach gu leòr, Fo dhubhar nan craobh cha bhi h-aon againn beò; Madaidh-allaidh is bèistean ag èigheach 's gach fròg, Gu bheil sinne nar n-èiginn bhon là thrèig sinn Rìgh Deòrs. Mo shoraidh le fàilte Chinn Tàile nam bò, Far an d' fhuair mi òg m' àrach 's mi am phàiste beag òg, Bhiodh fleasgaichean donn' air am bonnaibh ri ceòl, Is nìonagan dualach 's an gruaidh mar an ròs.
An toiseach an fhoghair bu chridheil ar sunnd, Gheibht' fiadh às an fhireach, is bradan à grunnd, Bhiodh luingeas an sgadain a' tighinn fo shiùil, Len iasgairean tapaidh nach faicte fo mhùig.
[Gabh an t-sèist a-rithist.]
[Song lyrics sourced by the Gaelic Resource Database (GRD) for educational purposes only.]
|  |

Mo mhollachd aig na caoraich mhòr', Càit bheil clann nan daoine còir? Dhealaich rium nuair bha mi òg, Man robh Dùthaich 'c Aoidh 'na fàsach. Tha tri fichead bliadhn' 's a trì, On a dh'fhàg sinn Dùthaich Mhic Aoidh. Càit bheil gillean glan mo chridh, 'S na nìghneagan cho bòidheach? Loch mo chridhe fhuair thu bàs, Ma fhuair thus ceartas fhuair thu blàths; Gun caill an Donas an làmh cheàrr, Mur bi e càirdeil còir riut. Andersonaich bh'air an ceann, On thog an t-seilcheag suas a ceann, An t-àit as mios', on cha' thu ann, Cha d'fhuair e ceàrd cho mòr riut. Bhain-Diùc Chataibh, bheil thu'd shìth? Càit bheil nis do ghùntan sìod'? Do chùn iad thu bho'n fhoil 's bho'n fhrìd, Tha 'githeamh measg nan clàraibh. Shellair bhioraich tha san ùir, Ma fhuair thu'n gras ris 'n robh do dhùil, 'N teine leis do chuir thu'n tuath fo ruaig Tha fuaim aig nis ri t'fheusag. Ceud Diùc Chataibh le chuid foill, 'S le chuid càirdeas do na Goill, Gum b'ann an Iutharn 'n robh a shàil, 'S gum b'fheàrr leam Iùdas làmh rium. O mo mhollachd aig an sguad A chuir Clann Mhic Aoidh fo ruaig, On a' mhonadh gus a' chuan, Gun tigh, gun bual, gun chrò ac'.
|
|