Cha b' e sneachda 's an reothadh bho thuath,
Cha b' e 'n crannadh geur fuar bhon ear,
Cha b' e 'n t-uisge 's an gailleann on iar,
Ach an galair a' bhlian' on deas
Blàth, duilleach, stoc agus freumh,
Cànan mo thrèibh 's mo shluaigh.
Sèist:
Thig thugainn, thig cò' rium gu siar
Gus an cluinn sinn ann Cànan na Fèinn'.
Thig thugainn, thig cò' rium gu siar
Gus an cluinn sinn ann Cànan nan Gaidheal.
Fair a-nuas dhuinn na coinnlearan òir
'S annt càiribh na coinnlean geal cèir,
Lasaibh suas iad an seòmar a' bhròin
'N taigh-fhaire seann chànan a' Ghaidheil
'S e siud o chionn fhad' thuirt a nàmh
Ach fhathast tha beò cànan nan treun
Ged theich i le beath' às na glinn,
Ged 's gann i 'n-diugh chluinntear nas mò
O Dhùthaich MhicAoidh fada tuath
Gu ruig thu Druim Uachdar nam bò;
Ach thugainn, thig cò' rium gu siar
'S i fhathast ann ciad-chainnt an t-slòigh.
'S iomadh gille thug greis air a' chuibhl'
San dubh-oidhch' 's thog duan Gàidhlig a chridh'
Agus gaisgeach a bhrosnaich sa bhlàr
Gu euchd nuair bu teotha bha 'n strì
O Ghaidheil O, càite 'n deach d' uaill
A dualchas, cànan is tìr?
[Sèist]
Tha na suinn lem bu bhinne bha d' fhuaim
Nad ghlinn, thìr nam fuar-bheannaibh àrd,
Air an druim anns na h-uaighean nan suain
Suas air èirigh, mo thruaigh' tha nan àit',
Eadhon siar ann an Dùthaich MhicLeòid
Linn òg air a' Ghàidhlig rinn tàir.
Ged nach cluinntear nas mò mi san Dùn
No 'n talla nan cliar 's nan còrn,
Ged tha meòir Chlann 'ic Cruimein gun lùths
On tric feasgair chiùin dhòirteadh ceòl,
Gidheadh, anns na h-Eileanan Siar
Balla-dìon gheibh thu, Ghàidhlig, 's do chòir.
Uair chite fear-fèilidh sa ghleann
Bu chinnteach gur Gàidhlig a chainnt,
Ach chaochlaidh i dùthaich nam beann,
Air an ainm ud is ceàrr i 'n-diugh sloinnt,
Chan e 'n dùthaich a bh' ann a th' ann,
'N-diugh 's dùthaich nan "Coloneis" a th' innt',
O, chànain ta leth ri mo chridh',
M' aran, m' annlan is m' anail 's mo smior,
'S tu cho aost ri fraoch dosrach nam frìth,
Shloinneadh òg leat beinn, leitir is sgurr,
Albainn gad easbhaidh 's gad dhith
'S clàrsach-aon-teud is cuislean gun fhuil.
Suas togamaid Gaidhealtachd nuadh
Le eanchainn, braon-gruaidh agus dòirn,
Gaidhealtachd às 'n dèanar uaill,
Ait' àrd uasal aig cànan is ceòl,
'S biadh-beatha aig spiorad 's aig brù
Ri fhaotainn gun dhìth air do bhòrd.
[Sèist]
[Song lyrics sourced by the Gaelic Resource Database (GRD) for educational purposes only.]