BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Aigcridhearciuil

BBC Homepage
Scotland
Alba
Tbh

Aig Cridhe ar Ciuil
Facail nan Oran
Cuspairean nan Sreatha
Cruthaich Ceol
Dealbhan

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Donaidh Murdo MacLeòid
Mìle marbhphaisg air an t-saoghal



Mìle marbhphaisg air an t-saoghal,
's carach baoghalach a dhàil.
Cuibhl' an fhortain òirnn air caochladh,
cha do chleachd sinn maoim ro chàch.
Tha sinn a-nis air ar sgaoileadh
air feadh ghleann is fhraoch-bheann àrd.
Ach tionailidh sinn fòs ar daoine
nuair a dh'fhaodas sinn gu blàr.

Misneachd mhath a mhuinntir ghaolach,
's gabhaidh Dia dhuinn daonnan càs.
Cuiribh dòchas daingeann faoilteach
às an aon Ti nì dhuinn stàth.
'S buannaichibh gu rìoghail, adhrach,
traisgeach, ùirneach, caoineach, blàth.
'S bithibh dìleas chàch-a-chèile
's dùinear suas ur creuchdan bàis.

Ach 's fheudar dhòmh-sa nis bhith falbh bhuaibh,
Ghaidheilibh calma mo ghràidh.
Bu mhòr m' earbsa às ur fògh'ne,
ged a dh'fhòghnadh dhuinn san àr.
'S iomadh anacothrom a choinnich sinn
sa choinneamh bha gun àgh.
Ach gabhaidh mise nis mo chead dhibh
ùine bheag, ach thig mi tràth.

Leasaichidh mi fòs ur call-sa,
churaidhean gun fheall gun sgàth.
A dhìlse dhligheach rìoghail threuna,
dhèanadh euchd ri uchd nam blàr.
'S cinn is colainn chur o chèile,
sinn 's sibh-fèin a sgaradh fàs.
Ach togaibh suas ur misneachd ghleusta
's cuiream fèin rir creuchdan plàst.

Beannachd gu lèir le Clann Dòmhnaill,
sibh a dh'fhòirinn orm nam chàs.
Eadar eileanan is mhòrthir,
lean sibh deònach rium gach tràth.
'S iomadh beinn is muir is mòinteach
shiubhail sinn air chòrsa bàis.
Ach theasairg Dia sinn air fuar-fhòirneart
nan con sròin-ghaoth bha rir sàil.

Sibh a rinn fo làimh na Trianaid
mise dhìon o mhìorun chàich.
Mo dhearg nàimhdean, neartmhor, lìonmhor,
chuir an lìon feadh ghleann is àrd.
Mheud 's a thaisbein sibh dur dìlseachd,
's còir nach dìochuimhnich gu bràth.
A bhàrr gur sibh as luaith' a shìn rium
toic air tìr 's an talamh àrd.


[Song lyrics sourced by the Gaelic Resource Database (GRD) for educational purposes only.]



Gaol
Gaol-duthcha
Abhachdas
Obair
Creideamh
Muir
Poileataics
Cogagh


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy