|  |  | Sèist: Chaidh mo lothag air chall O ho hao gur oil leam Chaidh mo lothag air chall.
Chaidh mo lothag dhan fhèithe Gura beud dhi dhol ann. Chaidh mo lothag dhan mhuileann 'S i gun duine na ceann. Chaidh mo lothag dhonn ghaolach Null dhan aonach ud thall. Chaidh mo lothag dhan fhireach 'S i fo shileadh nan allt. 'S i gun treabhadh an iomair Air an ceangailt am bann. Chaidh mo lothag a dh'Èirinn Le fear rèidh nan rosg mall. Bha mo lothag ciùin ciallach Bha i ciatach ri cloinn. [Na facail bhon leabhar i dal u dal le A. Greumach is A. NicShimidh, Acair 1991. Le cead bho Acair.]
|
|