Am maistreadh a bh'aig Moire
Air ùrlar a' ghlinne,
A' meudachadh an ime,
A' lùghdachadh a' bhainne.
Sèist:
Thig a chuinneig, thig.
Blàthach gu dòrn, 's ìm gu uilinn,
Thig a chuinneig, thig.
Tha glug an seo, tha glag an seo,
Tha glag an seo, tha glug an seo,
Tha rud as fheàrr na chòir an seo,
Tha rud nas fheàrr na fìon ann.
Tha glug an seo, tha glag an seo,
Tha seilcheag mhòr air bhog an seo,
Tha làn cuman Cairistiona
Do dh' ìm brèagha buidh' againn.
Thig an lòn, thig an smeòr',
Thig an ceòl às a' bhrùth,
Thig a' chuthag, thig a' cheathag,
Thig an fhosgag-adhair.