BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Aigcridhearciuil

BBC Homepage
Scotland
Alba
Tbh

Aig Cridhe ar Ciuil
Facail nan Oran
Cuspairean nan Sreatha
Cruthaich Ceol
Dealbhan

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Muir
Soraidh leat a Dhòmhnaill Ruairidh

Èist an seo


Soraidh leat a Dhòmhnaill Ruairidh,
Leam is truagh a bhi gad fhàgail.
'S tu tilleadh gu tìr an eòrna,
Far an robh sinn òg nar pàisdean.
B' e mo dhùrachd a bhi còmhl' riut,
Fàth mo bhròn chan eil e an dàin dhomh.
'S mi seòladh gu tìr nan ùbhlan,
Far am bheil mo rùin-sa tàmh ann.

'S nuair a ruigeas tu an cidhe tuath
'S a' chruinnicheas iad mu chuairt cuir fàilte ort,
Bheir mo thoiridh-sa gan ionnsaigh,
'S biodh i dùbailte gu pàirt dhiubh.
Nuair a thèid thu suas gu Fionnlagh,
Ged nach eil an leann ro àraid,
'S truagh a Rìgh nach mi bha comhl' riut,
'S gum biodh againne stop no dhà dheth.

'S gum biodh Alasdair MacDhòmhnaill
A' faighinn air dòigh a' bhàta,
'S bheir an t-aiseag a-null dhut,
'S cha bhi dùil aige ri pàigheadh.
'S mar bidh "motor" ann am portan
Gur math a nì seo na h-àite,
'S cuiridh Iagan Thearlaich dòigh air
Gun dhol dhan t-Òban ga chàradh.

'S e seo an trup gam bheil mi sgìth,
Gu bheil droch shìde againne on dh'fhàg sinn
Sin ron Chuan an Iar sa gheamhradh,
'S i cho trom le cargo gràin innte.
Gu bheil na bancaichean cho gruamach,
'S deigh mun cuairt orra anns gach àite,
'S mar bidh còmhdach air na cluasan,
Leis an fhuachd a reòth am bàrr dhiubh.

'S gur e bliadhna leam gach uair
Gun till a Chluaidh ma tha e an dàin dhith
'S gum faigheadh-sa mo phoc air tìr
'S mòran ga dhìth bho dh'fhàg sinn.
Aig na pricks a tha gu h-ìosal
'S gur e mheirle chuir innte pàirt dhiubh
'S ma chanas duine nì riutha
'S cinnteach 's e sgrìob dhe ràsar.

An còcaire is e cho salach,
Faireachaidh sinn air astar fhàileadh
An àm èirigh 's a mhadainn
'S e taobh an fhuaraidh is fheàrr dheth.
Fear eile anns a "ghalley"
Ris an abair iad am bèicear
Tamhasg eile 's car na shùilean
Gus bhi rùsgadh a' bhuntata.

'S chan iongnadh mise a bhi truagh dheth,
Meite mu chuairt orm 's gach àite
Boinne fuar a' ruith o shròin,
'S paidhir bhrògan air gun sàilean.
Briogais air a feum air fuaigheil
'S i air a cumail suas le tàirnean
'S ann a bha e òg 's a chuaraidh
Man a ghluais e a Cheann Phàdraig.

Ach tha gillean gasta ron chrann
An tìr nam beann a fhuair an àrach
Alasdair Ruairidh is Iain Stiùbhart
A nì stiùireadh dhachaigh sàbhailte.
Nuair a thèid sinn sìos gu h-ìosal
A dh'aindeoin sgìos gun dèan sinn gàire
Naidheachd aig gach fear ri innse
Man trì bh' ann on dh'fhàg sinn.

'S iomadh fear le briogais glùine
Thèid gu ùrlar gu math stràichdal
Tha cuir sìos air fear na mara
Tha cosnadh aran gu math àrach
Ach nam biodh pàirt dhiubh an iar air Torry
Anns a' bholain bhrog an-dràsta
Cha bhiodh sannt aca air am biadh
No idir feuchainn air an Charleston.

[An clàradh le taing do Sgoil Eòlais na h-Alba. Na facail bhon t-seinn aig Donnchadh Churraidh.]





Ged a sheòil mi air m'aineoil


Èist an seo

Ged a sheòl mi air m' aineol,
Cha laigh smalan air m' inntinn,
Ged a sheòl mi air m' aineol.

'S ann à Boston a sheòl sinn
Dol air bhoidse chun na h-Ìnnsinn.

Rinn sinn còrdadh ri captain
Air a' bhàrc a bha rìomhach.

Thilg i, shèid i oirnn le frasan,
'S clach-mheallain a bha millteach.

Trì latha roimh na Nollaig
Thàinig oirnn an droch shìde.

Shèid i cruaidh oirnn le frasan
'S clachan mheallain a bha millteach.

Gun robh ròpa 's gun robh òirleach
Nuair a reòth e bha a trì ann.

Chaill sinn craiceann ar làmhan
Bha ar gàirdeanan sgìth dheth.

Cha còignear nan seasamh
'S bha seachdnar nan sìneadh.

Trì latha is trì oidhche
'S mi ri chuibhle ri droch shìde.

Nuairsin thubhairt an caiptean,
"Illean tapaidh na dìobraibh.

Nuair a ruigeas sinn cala
Bidh ur drama dhuinn cinnteach."

Dh'falbh an "rigging" dhe'n "bhowsprit",
Leis an tonn a bha dìreadh.

Dh'fhalbh an "topsail" 's a "royal",
Bochd an spòrs a bhi ga innse.

Nuair a ruitheadh i gu fuaradh
'S ann an uairsin rinn sinn mìle.

Tha lionn dhubh air mo mhàthair,
'S truagh an dùil nach dèan sinn tilleadh.

Gaol
Gaol-duthcha
Abhachdas
Obair
Creideamh
Muir
Poileataics
Cogagh


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy