Sèist:
Mo thruaigh lèir thu 'ille bhuidhe
's ann an-diugh tha 'n dèidh ort
mo thruaigh lèir thu 'ille bhuidhe.
Tha 'n Earbag 's i air acarsaid
Am baile puirt an Èirinn.
Chuir sinn croinn sa bhàta
Dà là mun do dh'fhàg sinn Èirinn.
Cùtairean is gàidsearan
Gar sàrachadh le chèile
Nuair a dh'at an fhairge
'S i 'n Earbag a bha treubhach.
An Earbag 's i cho dìonach
Ri botal fìon is cèir air.
Dh' òl sinn slàinte an sgiobair
Nach robh idir anns an èisteachd.
Dh'òl sinn buaidh don bhàta
Thug sàbhailt' sinn à Eirinn.
Bha uisge 's clachan-meallain ann
Is canabhas ga reubadh.
Seachad Caisteal Dhuairt leath'
Gun robh ar turas rèidh leinn.
Bha sinn an Loch Alainn
Mun d' rinn ach pàirt dhiubh èirigh.
[Song lyrics sourced by the Gaelic Resource Database (GRD) for educational purposes only.]