An gaol a chunnaic mi an-diugh
Gur luath leam a dhealaich sinn
An gràdh a chunnaic mi an-diugh
Gur muladach a tha mi.
Gur mise tha gu brònach,
Mi 'n diugh a' dol a sheòladh
A' toirt a-staigh na ròpanan
'S a' falbh air bhòidse thar sàile.
Sìos troimh abhainn Chluaidh
Gur robh sealladh snog mu chuairt dhuinn
Gach fear 's a lasd ri ghualainn
Ged is fhada bhuam-sa bha i.
Tha aon rud ann tha còrdadh rium
Tha gillean gasda còmhla rium
Tha an Dondaidh ann 's an Dòmhnallach
'S Niall Caimbeul 's còir dhomh àireamh.
'S ann chanas iad "A' Ruairidh," rium
"Carson a bhios tu 's gruamain ort,
'S cho luath 's gu ruig sinn Cluaidh
Gun tèid sinn suas gu Niall MacAoidh."
Ach mhionnaich agus bhòidsich mi
Gu sguirinn-sa den ghòirich ud.
Deur tuilleadh dheth nach òlainn-sa
Ged gheibhinn stòr na bànrigh.
Nuair thilleas mise an turas seo
An Glaschu chan fhuirich mi
Ach gheibh mi deas bho m' aithinn
Thèid mi dh'Uibhist nam beann àirde.
Gheibh mi bàta na smùide
Às an Òban nì i cùrsa leam
Air Loch Baghasdal mo rùin-sa
Far bheil dùil aca gach là rium.
Gur mise tha gu tùrsach
'S a Chommerce 's mi ga stiùireach
'S a h-aghaidh air Vancouver leinn
Gur fhada a-null a tha sinn.
An gaol a chunnaic mi an-diugh
Gur luath leam a dhealaich sinn
An gràdh a chunnaic mi an-diugh
Gur muladach a tha mi.
[Na facail bhon t-seinn aig Seumas Caimbeul.]