Fail ò ro mar dh'fhàg sinn,
Cur cùl ri ar càirdean,
Tha gillean gasda na dùthchadh
Cur shiùil ri cruinn àrda.
Fail ò ro mar dh'fhàg sinn.
Nuair dh'fhàg sinn a-mach Cluaidh,
Gum bu luath i air sàile;
Gun d'thug iad fìor-dhroch-chliù dhith
An criù a rinn a fàgail.
Fail ò ro mar dh'fhàg sinn.
Nuair sheòl sinn mach à Grianaig,
Gur cianail a bha sinn,
A' cuimhneachadh na h-ighneagan
A dhèanadh fiamh a' ghàire.
Fail ò ro mar dh'fhàg sinn.
Diciadain rinn sinn seòladh,
'S bu bhòidheach a bha i:
Trì fichead seòl 's a trì ris
An rìbhinn a b' àille.
Fail ò ro mar dh'fhàg sinn.
Nuair dh'fhàg i fearann Èirinn
Gun shèid i gu làidir,
Dà reef againn 'na foresail
'S na royals a b'àirde.
Fail ò ro mar dh'fhàg sinn.
Nuair dh'fhàg i 'n t-Eilean Ruadh
Chuir sinn suas ar cuid chàbaill;
Sin dhiùlt i dhol mun cuairt
'S chaidh an Suaineach a bhàthadh.
Fail ò ro mar dh'fhàg sinn.
'S gur mise a ghabh an t-uamhas
Nuair a chuala mi chànail,
'S gun d'thuirt am Mate am Beurla:
"Sin fhèin àit as fheàrr dha."
Fail ò ro mar dh'fhàg sinn.
Bha sgiobair air a' chuatar-dec
'S e 'g èigheach cruaidh gu h-àrd ruinn,
'S cha b'ioghnadh liom ged liathadh e,
Nan dèanadh sìoban sàil' e.
Fail ò ro mar dh'fhàg sinn.