BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Aigcridhearciuil

BBC Homepage
Scotland
Alba
Tbh

Aig Cridhe ar Ciuil
Facail nan Oran
Cuspairean nan Sreatha
Cruthaich Ceol
Dealbhan

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Calum Ailig MacMhaolain
Òran àm an iasgaich




Sèist:
Dh'fhalbh sinn Diluain chun a' Bhanca.
'S ghabh i an cuan a tuath gu Sealtainn.
Dh'fhalbh sinn Diluain chun a' Bhanca.

Gur e mise tha gu cianail
An Ceann Phàdraig aig an iasgach,
'S mòr a fhuair sinn ann do mhìobhadh
Ged a dhèanamaid am barrachd.

Dh'fhalbh sinn Diluain chun a' Bhanca.

Nuair a ràinig sinn an t-àite,
An robh na mucan mòr a' tàmhachd
Thuirt e "Tilg a-mach an tràil,
'S gum bi i làn againn 'sa mhadainn."

Dh'fhalbh sinn Diluain chun a' Bhanca.

Anns a' mhadainn moch Dimàirt
O, 's ann oirre bha an coltas grànnda,
'S chuir iad mise dhan druim-àrca
Gus na chaill mo làmhan an craiceann.

Dh'fhalbh sinn Diluain chun a' Bhanca.

Nuair a fhuair sinn uile air bòrd iad,
Chuir sinn ar guaillean o'n fhoremast;
Chaidh e suas gun duine leònadh
Mar a dh'òrdaich Rìgh nam Feartan.

Dh'fhalbh sinn Diluain chun a' Bhanca.

Nuair a fhuair sinn air a dòigh i
'S ceathair chinn a stigh 'san fhoresail,
Rinn sinn am mizzen a lòw'radh
'S sheall i air an Òrd an Gallaibh.

Dh'fhalbh sinn Diluain chun a' Bhanca.

A' dol seachad Inbhir-Uige
Bha i an iardheas 's i 'na smùid as,
Bodach na curraice 'ga stiùradh
'S cha robh cùmhnadh aig' air a h-astar.

Dh'fhalbh sinn Diluain chun a' Bhanca.

A' dol seachad Bàgh an Teampuill
B'aognaidh a coltas 'san àm sin,
Sheas am bodach iomadh geamhradh
'S thàinig car 'na cheann an làth' ud.

Dh'fhalbh sinn Diluain chun a' Bhanca.

'S mun do ràinig i Ceann Phàdraig
Cha robh guth air cràdh na làimhe,
Air eagal gun rachadh mo bhàthadh
'S nach fhaicinn gu bràth mo leannan.

[Sèist]

Èist ri Calum Ailig a' còmhradh mun òran seo.




Gaol
Gaol-duthcha
Abhachdas
Obair
Creideamh
Muir
Poileataics
Cogagh


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy