BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Aigcridhearciuil

BBC Homepage
Scotland
Alba
Tbh

Aig Cridhe ar Ciuil
Facail nan Oran
Cuspairean nan Sreatha
Cruthaich Ceol
Dealbhan

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Gaol_duthcha: Eist an seo
Nuair a dh' iathas ceò an fheasgair dlùth le Murchadh Moireasdan air a sheinn le Caitlin NicDhòmhnaill

Èist an seo


Nuair dh'iathas ceò an fheasgair dlùth
Cur smùid air bhàrr nam beann,
'S an crodh bhon innis cnàmh an cìr
Cho sgìth a' tighinn don ghleann;
Nuair bhios a' bhanachaig 'm beul na h-oidhche
Don laoigh toirt deoch le meòir,
Coinnichidh mi an gleann an fhraoich
Mo ghaol, mo rìbhinn òg.

Nuair bhios a' ghrian san àirde 'n iar
Dol sìos aig crìoch an lò,
'S a' cur an soills' air feadh nan sliabh,
'S a sgiamh mar dhreach an òir;
'S nuair bhios na caoraich leis na h-uain
Cho suaimhneach aig a' chrò,
Coinnichidh mi an gleann an fhraoich
Mo ghaol, mo rìbhinn òg.

An uair bhios coileach ruadh an t-slèibh,
Measg gheugan leum cho beò,
'S a' gogail shuas mu bhil na fèith,
'S a chèile fhèin na chòir;
'S gach creutair beag mu sgàil nam bruach
Nan suain len àl gun treòir,
Coinnichidh mi an gleann an fhraoich
Mo ghaol, mo rìbhinn òg.

'S ged bhiodh air an fheasgar gruaim
'S an t-slighe buan gu leòr
Is tuinn nan loch a' flodraich fuar
Lem fuaim am measg nan còs,
Gun dèan na thug mi dhut de luaidh
An ruaig chur air gach bròn;
Coinnichidh mi an gleann an fhraoich
Mo ghaol, mo rìbhinn òg.

Bheil cuimhne agad nuair bha sinn saor,
'S air feadh nan raon gun leòn,
A' buachailleachd a' chruidh 's nan laogh,
Gun smaoin air maoin no stòr;
Tha cuimhneachain air àm a dh'aom
Gam dhèanamh aotrom beò;
Coinnichidh mi an gleann an fhraoich
Mo ghaol, mo rìbhinn òg.

Tha bàt' na smùid don chala dlùth,
'S gach ròp is stiùir air dòigh,
'S nuair ruigeas i leam tìr mo rùin
'S an robh mi 'n tùs mo lò,
'S an anmoch chiùin nuair bhios gach flùr
'S an canach ùr nan glòir,
Coinnichidh mi an gleann an fhraoich
Mo ghaol, mo rìbhinn òg.



[Song lyrics sourced by the Gaelic Resource Database (GRD) for educational purposes only.]

Air ais.



An Àtaireachd Àrd le Dòmhnall MacIomhair air a sheinn le Cathy Anna Nic a' Phì

Èist an seo

An ataireachd bhuan,
Cluinn fuaim na h-ataireachd àrd,
Tha torann a' chuain
Mar chualas leam-s' e nam phàist,
Gun mhùthadh gun truas
A' sluaisreadh gainneimh na tràghad
An ataireachd bhuan,
Cluinn fuaim na h-ataireachd àrd.

Gach làd le a stuadh,
Cho luaisgeach, faramach, bàn
Na chabhaig gu cruaidh
'S e gruamach, dosrach, gun sgàth,
Ach strìochdaidh a luaths
Aig bruaich na h-uidhe bh' aig càch,
Mar chaochail an sluagh
Bha uair sa bhaile-sa tàmh.

Sna coilltean a siar
Chan iarrainn fuireach gu bràth,
Bha m' inntinn 's mo mhiann
A-riamh air lagan a' bhàigh.
Ach iadsan bha fial
An gnìomh, an caidreamh, 's an àgh
Air sgapadh gun dìon,
Mar thriallas ealtainn ro nàmh.

Seileach is luachair,
Cluaran, muran is stàrr
Air tachdadh nam fuaran
'N d' fhuair mi iomadh deoch-phàit;
Na tobhtaichean fuar'
Le bualan, 's cuiseag gum bàrr,
'S an deanntagach ruadh
Fàs suas sa chagailt bha blàth.

Ach chunnaic mis' uair
'M bu chuannar beathail an t-àit',
Le òigridh gun ghruaim
Bha uasal modhail nan càil,
Le màthraichean suairc
Làn uaill nan companaich gràidh,
Le caoraich is buar
Air ghluasad moch madainn nan tràth.

Ag amharc mun cuairt,
Cha dual dhomh gun a bhith 'm pràmh:
Chan fhaic mi an tuath
Dem b' shuaicheant' carthannas tlàth -
Nam fògarraich thruagh,
Chaidh 'm fuadach thairis air sàl,
'S cha chluinn iad gu buan
Mòr-fhuaim na h-ataireachd àird.

Fir-sgiùrsaidh an t-sluaigh,
Cha bhuan iad bharrachd air càch:
Bu chridheil an uaill
Gar ruagadh mach gun chion fàth,
Ach sannt agus cruas,
An duais tha aca mu thràth -
Mòr-dhiomb' is droch luaidh
An uaigh le mallachd nan àl.

Ach siùbhlaidh mi uat;
Cha ghluais mi tuilleadh nad dhàil;
Tha m' aois is mo shnuadh
Toirt luaidh air giorrad mo là,
An àm dhomh bhith suaint'
Am fuachd 's an cadal a' bhàis
Mo leabaidh dèan suas
Ri fuaim na h-ataireachd àrd.



[Song lyrics sourced by the Gaelic Resource Database (GRD) for educational purposes only.]

Air ais.



Gaol
Gaol-duthcha
Abhachdas
Obair
Creideamh
Muir
Poileataics
Cogagh


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy