BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Aigcridhearciuil

BBC Homepage
Scotland
Alba
Tbh

Aig Cridhe ar Ciuil
Facail nan Oran
Cuspairean nan Sreatha
Cruthaich Ceol
Dealbhan

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Gaol_duthcha: Eist an seo
Eilean Beag Donn a Chuain le Dòmhnall Moireasdan, air a sheinn le Iseabail Anna Mhàrtainn


Sèist
Eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghràidh,
Eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghràidh,
An eilean an fhraoich bidh daoine fuireach gu bràth,
An eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghràidh.

Is toigh leam gach beann, gach gleann, gach tulach is òs,
Gach sruthan is allt gu mall tha siubhal gu lòn.
'S toigh leam am feur 's gach geug a chinneas air blàr,
An eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghràidh.

Is toigh leam an sprèidh tha streap ri mullach nam beann,
An canach 's am feur 's gach geug a thogas a ceann,
O! 's toigh leam gach cùil, gach lùb, gach coire agus càrn,
Tha an eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghràidh.

Is toigh leam an cuan 'tha cuartach' eilean mo ghràidh,
'S na tonnan a ghluaiseas uallach ullamh gu tràigh.
Is toigh leam na h-èisg, 's gach creutair beag a ni tàmh,
An eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghràidh.

Is toigh leam an òigridh, cheòlmhor, cheanalta, ghrinn,
A sheinneas na h-òrain, còmhnard, aighearach, binn.
Is toigh leam gach gruagach shuairc' tha 'g imeachd air sràid,
An eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghràidh.

Is toigh leam gach eun th' air sgiath an eilean mo ghràidh,
Bidh uiseag na speur ag èigheach madainn gach là.
Bidh smeòrach nan geug 's i fhèin a' seinn air a gràdh,
An eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghràidh.

Bidh coirc' agus eòrn' gu leòr an eilean mo ghràidh,
Bidh biadh air a' bhòrd is còrr mu choinneamh gach tràth.
Bidh aois agus òg gach là ri faighinn an sàth,
An eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghràidh.

Tha uisgeachan mìn ri cìreadh fuiltein nan gleann,
Fo bhilich an fhraoich tha gaoir is faram nan allt.
Tha osag na gaoith gu coibhneil thairis gach là,
An eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghràidh.

Tha ghealach 's a' ghrian ag iadhadh eilean mo ghràidh,
Toirt thairis am miann gu sìol a thabhairt gu fàs.
Tha ùghdar nan reult E Fhèin ag amharc gach tràth,
Air eilean mo ghaoil, is caomh leam eilean mo ghràidh.



Gaol
Gaol-duthcha
Abhachdas
Obair
Creideamh
Muir
Poileataics
Cogagh


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy