BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Aigcridhearciuil

BBC Homepage
Scotland
Alba
Tbh

Aig Cridhe ar Ciuil
Facail nan Oran
Cuspairean nan Sreatha
Cruthaich Ceol
Dealbhan

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Gaol_duthcha: Eist an seo
An Tèid Thu Leam Mo Nighean Donn? le Dòmhnall Moireasdan, air a sheinn le Murchadh Iain MacCoinnich

Sèist
'N tèid thu leam mo nighean donn,
falbh thu leam gu tìr mo rùin,
'n tèid thu thairis leam thar thonn
null gu eilean donn an fhraoich?

Tha gach abhainn, sruth is allt
siubhal mall gu tràigh a' chuain
's bidh na h-eòin le ceòl nach gann
madainn shamhraidh air am bruaich.

Chì thu cladaich an taobh siar,
bidh mais' a' riaghladh anns gach àit',
is air gach cnoc is gleann bidh sgiamh
nuair a bhios a' ghrian cur fàilt'.

Chì thu machraichean an Taobh Thall
gu tràigh Shanndaigh 's Druim an Sgèir,
Cnoc na Ceàrdaich ris an allt
air an campaich crodh gu sèimh.

Chì thu 'n creagan a tha buan,
Gheodha Ruadh dhan tug mi gràdh,
's tric a thug ar sinnsir riamh
iomadh biathadh aist le tràigh.

Chì thu 'n cnoc mun robh mi uair
dèanamh ruagail air gun bhròg,
's bidh an t-ionad thog mi suas
cur am smuain nuair bha mi òg.

Siud an t-àit' san robh mo thriall,
siud a' chrìoch don tug mi spèis,
siud an tulach beag bho chian
bha na dhìon dhomh 's mi gun chèill.

Ach dh'aindeoin àit' san robh mi riamh,
ged a thriallainn an Roinn Eòrp'
's e na Còig Peighinnean mo mhiann
's ann a dh'iarrainn crìoch mo là.

(Na facail le cead bho Chomunn Eachdraidh Nis)



Gaol
Gaol-duthcha
Abhachdas
Obair
Creideamh
Muir
Poileataics
Cogagh


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy