BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Aigcridhearciuil

BBC Homepage
Scotland
Alba
Tbh

Aig Cridhe ar Ciuil
Facail nan Oran
Cuspairean nan Sreatha
Cruthaich Ceol
Dealbhan

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Iseabail Anna Mhàrtainn
Eilean Beag Donn a' Chuain


Sèist
Hì rì o rì rì togaidh sinn fonn
Air Eilean beag donn a' chuain;
Eilean beag Leòdhais, dachaigh nan seòid
A chumas an còmhrag suas;
Eilean nan tonn a dh'àraich na suinn
'S a chuidich an Fhràing gu buaidh,
Còmhla ri chèile togaidh sinn fonn
Air Eilean beag donn a' Chuain.

Bha Ghearmailt ealamh 's i sealladh mun iar
'S an domhain ma b' fhior na dòrn;
A rùn air cogadh 's i togail a sàth
De chaistealan àlainn ceò;
Clach-stèidh am bunait air gainneamh na tràghad,
Am mullach gu h-àrd sna neòil -
'S earball-sàil na h-Iuthairn a h-àit'
Nuair thig am muir-làn na còir.

A Dhia bi maille ri muinntir a' bhròin,
'S na fir a tha leòinte, tinn,
Bho ìnean guineach na h-iolair' a bhòc
Air fuil agus feòil do chloinn;
Tha gaoth an fhir-mhillidh na itean, 's a chròg
A' druideadh mu sgòrnan teann,
Tha 'n leòmhann a' fàsgadh Uilleam a Dhà
Is spiollaidh i chnàmhan lom.

Do làmh, a charaid, gu Eilean a' chuain
'S a h-eallach cho cruaidh is trom.
Tha 'm bàs le cabhaig a' sgathadh 's a' buain
Gun duine nì suas a call.
Tha 'n òigridh sgoinneil a sheòlas na caoil
An àite nan laoch a bh' ann,
Gun bhoineid, gun bhròig, a' siubhal nan raon
An Eilean an Fhraoich ud thall.

O 's làidir na bannan gam tharraing a-null
Gu Eilean beag donn MhicLeòid,
'S gu stiùir mi gu h-ealamh gu cala mo long
Nuair ruigeas mi ceann mo lò.
'S ma ghreimicheas m' acair ri Carraig nan Al
Bidh m' anam tighinn sàbhailt' beò,
Mo shiùil air am pasgadh am fasgadh Chill Sgàir
Lem athair 's mo mhàthair chòir.



Gaol
Gaol-duthcha
Abhachdas
Obair
Creideamh
Muir
Poileataics
Cogagh


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy