|  |
|  |  |

[Na facail bhon t-seinn aig Catrìona NicGill-Eain.]
Sèist: Tha mi sgìth ’n fhògairt seo. Tha mi sgìth dhe ’n t-srìth. Seo an tìm dhòrainneach. Tha mi sgìth ’n fhògairt seo.
Ged a tha mi fon choille, chan eil coire ri chòmhdach orm. Ach mi sheasamh gu dìleas, leis an rìgh bho ’n bha chòir aige. Thoir mo shoraidh thar linne, dh' ionnsaidh ghlinne am bu chòir dhomh bhi. Thoir mo shoraidh le dùrachd, gu Sgùrr Ùrain ’s math m’ eòlas ann. ’S a’ bheinn ghorm a tha mu choinneamh, leam bu shoillear a neòineanan. Thoir mo shoraidh le coibhneas, gu Tòrr Loighsich nan smeòraichean. Suas is sìos troimh Ghleann Seile, ’s tric a leag mi ’n damh cròic-cheannach.
Gabh an t-sèist às dèidh gach sreath.
|  |

[An clàradh le taing do Sgoil Eòlais na h-Alba.]
Is duilich leam an càradh Th’ air coire gorm an fhàsaich, An robh mi greis a m’ àrach ’S a’ Bhràighe seo thall; ’S iomadh fear a bhàrr orm A thaitneadh e r’ a nàdur, Nam biodh e mar a bhà e ’N uair dh’ fhàg mi e nall; Gunnaireachd is làmhach, Spurt is adhbhar ghàire, Chleachd bhith aig na h-àrmainn A b’ àbhaist bhith ’sa’ ghleann. Ach rinn na fir ud fhàgail, ’S Mac Eóghainn t’ ann an dràsda, Mar chlach an ionad càbaig, An àite na bh’ ann.
Tha choille bh’ anns an fhrìth ud, Na cuislean fada dìreach, Air tuiteam is air crìonadh Sìos as an rùsg; Na prisean a bha brìoghmhor, Na dosaibh tiugha lìonmhor, Air seacadh mar gun spìont’ iad A nìos as an ùir; Na failleanan bu bhòidhche, Na slatan is na h-ògain, ’S an t-àit am biodh an smeòrach Gu mòdhar a’ seinn ciùil - Tha iad uil’ air caochladh, Cha d’ fhuirich fiodh no fraoch ann, Tha ’m mullach bhàrr gach craoibhe, ’S am maor ’ga thoirt diùbh. Tha ’n t-àit an robh na fuarain Air fàs ’na chroite cruaidhe, Gun sóbhrach gun dail-chuaich, Gun lus uasal air carn; An sliabh an robh na h-èildean, An àite laighe ’s èirigh, Cho lom ri cabhsair fèille, ’S am feur, chinn e gann. Chuir Alasdair le ghèisgeil A’ ghreigh ud as a chèile, ’S ar leam gur mòr an eucoir An eudail a chall; Cha lugha ’n t-adhbhar mìothlachd Am fear a chleachd bhith tìorail A’ teàrnadh is a’ dìreadh Ri frìth nan damh seang.
|
|