Sèist
Chluinn mi fuaim, chluinn mi fuaim na mara
Chluinn mi fuaim, chluinn mi fuaim na mara
Nuair chluinn mi fuaim ud gu cruaidh ri cladach
Bidh fios am fhìn gu bheil mi ’s na Dailean.
Baile m’ àrach an dràsd’ nam shealladh
Toirt nithean àraid mar bha rim aire
An gleann cho àlainn, an tràigh ’s a’ mhachair
'S na leòidean fraoich air gach taobh ’cur mais air.
Chì mi làimh dhomh an roinn don mhachair
Far na rinneadh càradh na sàir ’ghabh seachad
Gach nì mar bha ac’ sa dh’fhàg iad againn
Gach clach mar chàraich iad làidir daingeann.
’S cuimhne, ’s cuimhne leam loinn gach fearann
Bha tur air àiteach ’s fo bhàrr a’ crathadh
Sona samhchair bha ghnà riutha maille
Nan saothair làitheil air sgàth na dachaigh.
Bidh mais an t-samhraidh cur loinn a bharrachd
Air cnuic 's air glinn, air gach beinn is bealach
Bidh eòin cho aoibhneach a’ seinn le caithream
Bu bhrèagh’ a' ghrian a’ dol sios à sealladh.
Bidh an ceòl is àbhaist aig tràigh na mara
Muir-làn is tràghadh gun thàmh gun anail
Gach nì tha trathail, mar bha gun mhaille
Sin fhèin na tha mar a bha 's na Dailean.
[sèist]
[Na facail bhon t-seinn aig Cairistiona Primrose.]
Èist ri Cairistiona Primrose, ag innse beagan mu dheidhinn an òran agus dè tha a' còrdadh rithe mu thimcheall.