BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Aigcridhearciuil

BBC Homepage
Scotland
Alba
Tbh

Aig Cridhe ar Ciuil
Facail nan Oran
Cuspairean nan Sreatha
Cruthaich Ceol
Dealbhan

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Gaol
Iain Ghlinne Cuaich


Èist an seo


O Iain Ghlinne Cuaich, fear do choltais cha dual dha fàs,
Cùl bachlach nan dual 's e gu camlubach suas gu bhàrr;
's i do phearsa dheas ghrinn a dh'fhàg mi cho tinn le gràdh,
's nach eil cron ort ri inns' o mhullach do chinn gud shàil.

'S mòr mo mhulad mu an sgeul seo tha 'n-diugh ann am beul gach neach -
's e chuir m' acain cho geur gura sgeul e nach fheud mi chleith;
thoir an t-soraidh seo bhuam dh'fhios an fhleasgaich as uaisle dreach
a dh'fhàg aiceid am thaobh chuir saighead an aoig fom chneas.

Ach ged thug mi mo ghaol air dhòigh is nach faod mi chleith,
cha b' e gille bochd, truagh ris 'n do tharraing mi suas mar fhear
ach am fiùran deas, ùr a dhìreadh an stùc-bheinn chas,
dhèanadh fuil air an driùchd leis a' ghunna nach diùltadh srad.

Cuim an ceilinn air càch gu bheil agam dhut gràdh nach mùth -
's beag an t-iongnadh ged thà nuair a chithear fod armaibh thu;
's math thig daga ghleòis dhearbht' agus sgiath nam ball meanmha dlùth
mar ri claidheamh chinn òir air crios daingeann a chòir mo rùin.

Iain, Iain a ghaoil, cuime a chuir thu mi faoin air chùl,
gun chuimhn' air a' ghaol a bha againn araon air tùs,
cha tug mise mo spèis do dh' fhir eile fon ghrèin ach thu,
is cha toir ad dhèidh gus na càirear mo chrè san ùir.

Ged a chinn thu rium fuar, bheil thu, Iain, gun truas 's mi 'm chàs,
's liuthad là agus uair chuir thu 'n cèill gum bu bhuan do ghràdh?
ach ma chaochail mi buaidh, is gun do choisinn mi d' fhuath no d' fhearg
tha mo bheannachd ad dhèidh, 's feuch an tagh thu dhut fhèin nas fheàrr.

Ach an trian dhe do chliù cha chuir mise, a rùin an cèill,
Is caoimh faiteal dhed ghnùis na ùr choille fo dhrùchd ri grèin.
Gum b' e miann mo dhà shùil a bhith sealltainn gu dlùth ad dhèidh,
'S math a b' airidh mo rùn-sa air ban-oighre a' chrùin fo sgèith.


[Song lyrics sourced by the Gaelic Resource Database (GRD) for educational purposes only.]

Air Ais.



Eilidh


Èist an seo

Sèist
Tha slighe dhoirbh gu beanntan àrd ar n-eilein,
Tha 'n dìreadh garbh tron mhòintich is tron fhraoch,
Ach shil do dheòir nuair thug mi pòg dhut, Eilidh,
'S ar cuimhn' air lagan glas an taobh a' chaoil.

Thoir thusa dhomh-sa glòir nam briathran taitneach
A labhair thu rium leannain, air an dùn,
Thoir thusa dhomh-sa dòigh air tilleadh dhachaigh,
Gu lagan glas leat Eilidh, 'n taobh a' chaoil.

[sèist]

Gur fada uainn an cluain san d' fhuair sinn 'm bainne,
Sinn 'm baile glas na h-iargain 's a' mhì-rùin,
Mar nuallan bà a' geumnaich air a h-aineol,
Gur cruaidh ar càs 's gur easbhaidheach ar dùil.

Ar cridh' 's ar ceòl ga shròiceadh leis gach doineann,
Ar cainnt 's ar còmhradh tha gun sheòl gun stiùir,
Mar long gun treòir a' dèanamh eòlais cladaich,
Gun bhoillsgeadh gealaich 'n ealantas cairt-iùil.

O Eilidh, ghràidh, thoir dhomh do làmh is fan rium
Far 'n do bhòidich sinn is a dh'aidich sinn ar gaol,
Tha an cuan a ghnàth a ghràidh a' stiùireadh m' aigne
Gu lagan glas leat, Eilidh, taobh a' chaoil.

[sèist]

Dreach eile air Rann 4

O Eilidh, ghràidh, thoir dhomh do làmh is fan rium
'S gum faigh sinn far 'n do bhòidich sinn ar gaol,
Do chridhe blàth tha ghnàth a' stiùireadh m' aigne
Don lagan ghlas sa bhealach taobh a' chaoil.



[Song lyrics sourced by the Gaelic Resource Database (GRD) for educational purposes only.]

Air ais.



Gaol
Gaol-duthcha
Abhachdas
Obair
Creideamh
Muir
Poileataics
Cogagh


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy