BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Aigcridhearciuil

BBC Homepage
Scotland
Alba
Tbh

Aig Cridhe ar Ciuil
Facail nan Oran
Cuspairean nan Sreatha
Cruthaich Ceol
Dealbhan

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Julie Fowlis
Bothan Airigh Am Braigh Raineach


Gur e m' anam is m' eudail chaidh an-dè do Ghleann Garadh
Fear na gruaig mar an t-òr is na pòig air bhlas meala.


Sèist
O hi o o hu o, o hi o o hu o hi ri ri o hu eile
O hi ri ri ri o gheallaibh o.

'S tu as fheàrr don tig deise de na sheasadh air thalamh,
'S tu as fheàrr don tig culaidh de na chunna mi dh'fhearaibh.

'S tu as fheàrr don tig osan 's bròg shocrach nam baraille,
Còta Lunnainneach dubh-ghorm 's bidh na crùintean ga cheannach.

An uair a ruigeadh tu an fhèill 's e mo ghearr-sa thig dhachaigh,
Mo chriosan is mo chìre is mo stiomag chaol cheangail.

Thig mo chrios à Dùn Èideann 's mo bhrèid à Dùn Chailleann.
Gheibh sinn crodh às a' Mhaorainn agus caoraich à Gallaibh.

'S ann a bhios sinn gan àrach air àirigh am Bràigh Raineach,
Ann am bothan an t-sùgraidh 's gur e bu dùnadh dha barrach.

Bhiodh a' chuthag san smùdan a' gabhail ciùil duinn air chrannaibh,
Bhiodh an damh donn sa bhùireadh gar dùsgadh sa mhadainn.

Gabh an t-sèist às dèidh gach rann.



[Song lyrics sourced by the Gaelic Resource Database (GRD) for educational purposes only.]



Gaol
Gaol-duthcha
Abhachdas
Obair
Creideamh
Muir
Poileataics
Cogagh


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy