Mi 'm shuidhe an seo gad chuimhneachadh a mhaighdeann aoidheil chiùin
Gu bheil mi sgìth den t-saoghal seo bho chuir thu rium do chùl
Ged dh'fhalbhainn às an dùthaich seo a-null gu tìrean cèin
Gum bi mo chrìdh' ri bualadh airson gruagach a' chùil-rèidh.
Ged dhealaich sinn an-dràsta cha b' e d' fhàgail bha nam mhiann
Thug fear eile làmh dhut mun do ràinig mis' thu riamh
'S an cridh' tha cruaidh mar iarainn ged bu mhiann leis bhith ort dlùth
Cha bhrist e chaoidh son bòidhchead nìghneag òg na sùilean ciùin.
Carson a bhios mi cuimhneachadh na h-oidhcheannan a bh' ann
An-diugh nan adhbhar chianalais gur iad a liath mo cheann
'S ged 's toigh leam a bhith smaoineachadh gu faodainn bhith ort teann
Tha h-uile nì cho caochlaideach san t-saoghal bhochd a th' ann.
'S an dùrachd tha mi 'n-dràst' toirt dhut a rìbhinn àlainn chiùin
Gum faigh thu fear nas fheàrr na mi a sheinneas àrd do chliù
Is cha bhi fios gu bràth agad gun tug mi gràdh dhut rùin
'S ged bhiodh tu daonnan làimh rium cha bhi fios aig càch co thu.
Ach feumaidh mi co-dhùnadh chan eil ùin' ann son a' chòrr
Chan eil ann ach faoineas dhomh bhith caoineadh son do sheòrs'
Ach molaidh mi gu bràth thu son do nàdar blàth gun ghò
Is nuair thig crìoch do làithean gum bidh àite dhut an glòir.
[Song lyrics sourced by the Gaelic Resource Database (GRD) for educational purposes only.]