BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Aigcridhearciuil

BBC Homepage
Scotland
Alba
Tbh

Aig Cridhe ar Ciuil
Facail nan Oran
Cuspairean nan Sreatha
Cruthaich Ceol
Dealbhan

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Julie Fowlis
Cumha Ghriogair Mhicgriogair


Sèist

Ochain, ochain, ochain uiridh
Is goirt mo chridhe, laoigh,
Ochain, ochain, ochain uiridh
Cha chluinn d' athair ar caoidh.

Chuir iad a cheann air ploc daraich,
Is dhòirt iad fhuil mu'n làr:
'S nam biodh agamsa an sin cupan,
Dh'òlainn dìth mo shàth.

Is ged tha mi gun ùbhlan agam
Is ùbhlan uile aig càch,
Is ann tha m'ubhal grinn cùbhraidh
Is cùl a chinn ri làr.

Is mòr a b'annsa bhith aig Griogair
Air feadh coille is fhraoich,
Na bhith aig Baran crìon na Dalach
An taigh cloiche is aoil.

Is mòr a b'annsa bhith aig Griogair
Cur a' chruidh do'n ghleann,
Na bhìth aig Baran crìon na Dalach
Ag òl air fìon is air leann.

Is mòr a b'annsa bhith aig Griogair
Fo brata ruibeach ròin,
Na bhith aig Baran crìon na Dalach
Ag giùlan sìod is sròil.

Ba hu, ba hu, àsrain bhig,
Chan 'eil thu fhathast ach tlàth:
Is eagal leam nach tig an latha
Gun dìol thu t'athair gu bràth.


Gabh an t-sèist às dèidh gach dàrna rann.



Gaol
Gaol-duthcha
Abhachdas
Obair
Creideamh
Muir
Poileataics
Cogagh


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy