BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Aigcridhearciuil

BBC Homepage
Scotland
Alba
Tbh

Aig Cridhe ar Ciuil
Facail nan Oran
Cuspairean nan Sreatha
Cruthaich Ceol
Dealbhan

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Gaol: Eist an seo
Òran Cumhaidh le Uilleam Ros, air a sheinn le Pòl McCallum


Is truagh nach d' rugadh dall mi gun chainnt is gun lèirsinn,
Mus fhac' mi t-aghaidh bhaintidh, rinn aimhleas nan ceudan?
Bhon chunnaic mi bho thùs thu bu chliùiteach do bheusan,
'S gum b' fhasa leam am bàs na bhith làthair às t-eugmhais.

Sèist
Fil ò rò, fil ò rò, fil ò rò hug èileadh,
Fil ò rò, fil ò rò, fil ò rò hug èileadh,
Air fal li li li ò agus hò rò hug èileadh,
Chan fhaigh mi cadal sàmhach,
A ghràidh, 's gun thu rèidh rium.

Is truagh nach robh mise agus tusa far an iarrainn,
Sia là na seachdain is seachd ochd bliadhna
An seòmraichean glaiste le clàidheanan iarainn,
Na h-iuchraichean air chall agus dall bhith gan iarraidh.

Bu bhinne leam do chòmhradh na smeòrach nan geugan,
Na cuthag sa mhadainn Mhàighe no clàrsach nan teudan,
Nan t-easbaig air là Dòmhnaich, 's am mòr-shluagh ga èisteachd,
Na ged a chunntadh stòras na h-Eòrpa gu lèir dhomh.

Is truagh nach robh mi fàgail an t-saoghail seo ro-chianail:
Bha dòchas faoin gam thàladh, 's e 'n gaol rinn mo dhìobhail,
Ge fada bhuam a shiùbhladh tu rim bheò bhithinn riut dìleas,
'S nuair thigeadh Là na Cruinne 's e Mòr Ròs a dh'iarrainn.

Gabh an t-sèist às dèidh gach rann.


[Song lyrics sourced by the Gaelic Resource Database (GRD) for educational purposes only.]



Gaol
Gaol-duthcha
Abhachdas
Obair
Creideamh
Muir
Poileataics
Cogagh


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy