BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Aigcridhearciuil

BBC Homepage
Scotland
Alba
Tbh

Aig Cridhe ar Ciuil
Facail nan Oran
Cuspairean nan Sreatha
Cruthaich Ceol
Dealbhan

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Gaol
Seathan, mac Rìgh Èirinn

Èist an seo


Hù rù o na hi òro
Tha Seathan an-diugh na mharbhan
Na hi hò hùg òro
Tha Seathan an-diugh na mharbhan
Hù rù o na hi òro
Sgeul as olc le luchd a leanmhainn
Na hi hò hùg òro
Sgeul as olc le luchd a leanmhainn
Hù rù o na hi òro
Sgeul is ait le luchd a shealga
Na hi hò hùg òro
Sgeul is ait le luchd a shealga
Hù rù o na hi òro
Naidheachd a bha dhomhsa searbh dhe
Na hi hò hùg òro
Naidheachd a bha dhomhsa searbh dhe
Hù rù o na hi òro
’S mairg thuirt riamh rium gum b'e bhean dhubhach mi
Na hi hò hùg òro
’S mairg thuirt riamh rium gum b'e bhean dhubhach mi
Hù rù o na hi òro
Bean bhochd chianail chràiteach dhubhach mi
Na hi hò hùg òro
Bean bhochd chianail chràiteach dhubhach mi
Hù rù o na hi òro
Bean bhochd a thug spèis dha buidheann mi
Na hi hò hùg òro
Bean bhochd a thug spèis dha buidheann mi
Hù rù o na hi òro
Piuthar do Fhionn 's do Niall Buidhe mi
Na hi hò hùg òro
'S minig a chuala 's nach do dh'innis e
Hù rù o na hi òro
Gu robh mo leannan-sa am Minginis
Na hi hò hùg òro
Gu robh mo leannan-sa am Minginis
Hù rù o na hi òro
Nam bitheadh e sin, 's fhad o thigeadh e
Na hi hò hùg òro
Nam bitheadh e sin, 's fhad o thigeadh e
Hù rù o na hi òro.



An eal’ air a’ chuan


[An clàradh le taing bho Sgoil Eòlais na h-Alba.]


Èist an seo


’S ann a bhruadar mi raoir
An eal’ air a’ chuan ’s i snàmh,
’S a h-aghaidh gu tìr
Bha mo leannan ’s mi fhìn mar sgaoil.

Gur e mis’ tha fo ghruaim
Bidh mi sineach a luaidh an-dràst’,
Gur e stoirm is droch uair
A tha gad shìor chumail bhuamsa, ghràidh.

Tha mo làmhan cho sgìth
’S nach urrainn mi inns’ an dràsd
’S mi ri tarruing nan ròp
’S ri cumail nan seòl an àird

Tha lèin’ tha ri m’ chùil
Cho fluich ’sa ni bùrn na sàl
’S mi ri iarraidh dol sìos
Far bheil nighean mo ghaoil’ a’ tàmh

Gur e brìodal do bheòil
A mheall mi ’s mi òg is faoin
Ach nam faighinn mo mhiann
Bhiodh marcraichean triall do chuim

Thug thu gealladh as ùr
’S chaidh an comann air chùl a bhà
Gura fhada bho’n uair
O mheall iad thu bhuam-sa ghràidh

Cha toir mi ort binn
Ach innis dhomh ’n fhìrinn rèidh
Cha bhith naidheachd ri inns’
Aig fear eil’ orm fhìn ma d’ dheidhinn.

’S ann a bhruadar mi ’n raoir
An eal’ air a’ chuan ’s i snàmh,
’S a h-aghaidh gu tìr
Bha mo leannan ’s mi fhìn mar sgaoil.



A nìghneag a ghràidh

Èist an seo


A nìghneag a ghràidh, 's tu dh'fhàg an dochair nam cheann
air feasgar Diciadain nam shuidhe 's mi riasladh ri rann;
gum b' fheàrr a bhith sìnte gu socair 's gu sìobhalt' sa ghleann
a' cadal le chèile fo dhuilleach nan geugan ud thall.

'S ann dhut-sa, mo leannan, thug mise mo chridhe 's mo chiall,
mo dhùsgadh, mo chadal, mo reult, mo ghealach 's mo ghrian;
's tu m' oidhche, mo mhadainn, mo bhùrn, is m' anail 's mo bhiadh -
'n àm èirigh is laighe 's tu fhèin an aingeal gam dhìon.

Ann an achlais mo leannain gun caidlinn fada gun strì,
fo dhubhar nam beannan far 'm b' òg a b' amaideach mi,
gun sòlas air thalamh lem dheòin a dh'aithnicheadh mi
ach gaol na h-òg chailin a bheothaich an t-sradag am chridh'.

Nan robh mise 's mo leannan air slèibhtean farsaing an fhraoich,
gun uallach mu èirigh ach laighe gu sèimh ann an gaol,
toinnte le chèil' ann an sonas gun leireadh ri taobh,
's an oidhche le cleòca gu buileach a' còmhdach an raoin.

Gun uallach air feasgar bu mhiann leam bhith leisg ri do thaobh,
casruisgt sa mhòintich a' sireadh nan neòinean san fhraoch,
no 'g èisteachd nan sruthan a' sileadh gu socair 's gu caoin
sìos chun na mara ag innse sanais ar gaoil.

An saoghal ged 's farsaing gum b' fheàrr a bhith tathaich sa ghleann,
ri taobh na h-òg chailin air thalamh is maisiche leam;
bidh rìomhachd, a h-àilleachd 's a grinneas gu bràth na mo cheann,
's ann an lùchairt mo chridhe bidh àite, mo nighean, dhut ann.

Thig fois air an talamh, thig tosd air anail a' chuain,
air tonnan a' chladaich thig tàmh is cadal car uair;
eòin bheaga na doire nì fasgadh sona fon bhruaich,
ach mo ghaol-sa dom leannan rim bheò chan aithnich e suain.



[Song lyrics sourced by the Gaelic Resource Database (GRD) for educational purposes only.]


Gaol
Gaol-duthcha
Abhachdas
Obair
Creideamh
Muir
Poileataics
Cogagh


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy