|  |  | Tha mise fo mhulad ’san àm; Cha òlar leam dram le sunnd; Tha durrag air ghur ann mo chàil A dh’fhiosraich do chàch mo rùn. Chan fhaic mi dol seachad air sràid An cailin bu tlàithe sùil: 'S e sin a leag m’aigne gu làr Mar dhuilleach bho bhàrr nan craobh.
A ghruagach as bachlaiche cùl, Tha mise ’gad ionndrainn mòr; Ma thagh thu deagh àite dhut fhèin, Mo bheannachd gach rè ’gad chòir; Tha mise ri osnaich 'nad dhèidh, Mar ghaisgeach an dèis a leòn, Na laighe ’san àraich gun fheum ’S nach tèid anns an t-sreup nas mò. ’S e dh’fhag mi mar iudmhail air treud, Mar fhear nach toir spèis do mhnaoi, Do thuras bras-shìleadh dheur o’m shùil. B’fheàrr nach mothaichinn fhèin Do mhaise, do chèill, ’s do chliù; No suairceas milis do bheil As binne na sèis gach ciùil. Gach an-duin’ a chluinneas mo chàs A’ cur air mo nàdar fiamh A’ cantainn nach eil mi ach bàrd ’S nach cinnich leam dàn a’s fiach - Mo sheanair a’ pàigheadh a’ mhàil Is m’athair ri màileid riamh; Chuireadh iad gearrain an crann Is ghearrainn-sa rann ro cheud.
|
|