BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Aigcridhearciuil

BBC Homepage
Scotland
Alba
Tbh

Aig Cridhe ar Ciuil
Facail nan Oran
Cuspairean nan Sreatha
Cruthaich Ceol
Dealbhan

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Raonaid Walker
Maraiche nan Cuantan le Raonaid Walker


[Na facail le cead bho Flòraidh NicPhàil.]


M’ ionndrainn agus m’ iargainn ort, mharaiche nan cuantan,
Luasgan thonn na mara cha dèan togail air mo bhuaradh.
Ar saoghal cha bu mhaireann e, mharaiche nan cuantan.

Blàth na grèine deàlradh air cuan mar laisir luaineach.
Geòla gearradh fairge is cop mu sròin ga suaineadh.
Gualainn làidir fearail aic’, stiùiriche nam buadhan.

Long air dòigh sa chamhanaich ’s an oiteag ’g èirigh cruaidh oirr’.
Stuaghan uaine bagarrach is domhan dorcha, gruamach.
Bu shuarach leat an àmhghar aic’ ’s acarsaid ga buannachd.

Ach ruaig am bàs do chuairt air sàil, mharaiche nan cuantan.
Tha fuasgladh air an acair is tha gluasad air an iùbhraich.
Suain bith-bhuan biodh maille riut am port bhios sìtheil ciùin dhut.


Gabh a' chiad rann a-rithist

Èist ri Raonaid Walker ag innse beagan mu dheidhinn an òran agus dè tha i a' faireachdain mu thimcheall.



Gaol
Gaol-duthcha
Abhachdas
Obair
Creideamh
Muir
Poileataics
Cogagh


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy