|  |  | [Na facail le taing do Sgoil Eòlais na h-Alba.]
Sèist ’S toil leam Ailean Dubh às Lòchaidh, Mo ghaol Ailean Donn a’ chòta; ’S toil leam Ailean Dubh às Lòchaidh.
Ailein, Ailein, ’s àit leam beò thu,
Sguab thu mo sprèidh bhàrr na mòintich,
Loisg thu m’ iodhlann chorca is eòrna,
Mharbh thu mo thriùir bhràithrean òga,
Mharbh thu m’ athair is m’ fhear pòsta.
’S ged a rinn thu siud ’s àit leam beò thu. Gabh an t-sèist às dèidh gach sreath.
Èist ri Màiri Anna NicUalraig ag innse beagan mu dheidhinn an òran agus dè tha i a' faireachdain mu thimcheall.
|
|