
Siud an làmh air 'n seinn mi,
Làmh choibhneil mo ghaoil,
Làmh a' bhuachaill' nach faicear,
'S a bha faisg orm 's gach baogh 'l.
'S iomadh cunnart on d' thàr mi
Le sàbhaladh caol,
O nach saorte gu bràth mi,
Mur b' i 'n làmh bha rim thaobh.
Rinn do làmh, 's gun mi faicinn,
Fuirich faisg orm an gaol;
'S iomadh lìon rinn an nàmhaid,
Chuir an làmh ud ma sgaoil.
O! 'n làmh nach do thrèig mi,
Ann an ceumanaibh doirbh
'S nach do thionndaidh do chùl rium,
Nuair a dhiult mi do thairgs'.
'S nach do gheàrr thu tur as mi,
Nuair a las mi ort m'fhearg:
O! làmh na fad-ghiùlan,
Bheir sinn cliù dhuit gun cheilg.
Nuair rinn tinneas mo bhualadh,
'S dreach na h-uaigh' orm a' fàs,
Bha mo chàirdean mun cuairt orm,
Làn truais agus bàidh.
Ach bha 'n làmh ud nach faicear
Tighinn na b' fhaisg' orm na càch,
Ri toirt fionnarachd do mo ghruaidhean,
Agus fuasgladh on bhàs.
O a làmh a bha riamh leam,
'N tèid thu sìos leam don ghleann,
Nuair tha feasgar a' ciaradh,
Agus sìorraidheachd teann?
'N tèid thu sìos leam rim thaice,
Anns a' ghleac nach bi fann,
Far an dealaich luchd gaoil rium?
O, chan fhaod iad dhol leam.
'S e do neart-sa thug buaidh,
Air a bhàs is uaigh do d' chloinn.
O! na fàg mi gus am faic mi,
Solas laist' an taoibh thall!
Siab na deòir bho mo shùilean,
Cuir an crùn air mo cheann.
Cuir an trusgan 's an fhàinne orm,
'S cha bhi nàire orm dol ann!