BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Aigcridhearciuil

BBC Homepage
Scotland
Alba
Tbh

Aig Cridhe ar Ciuil
Facail nan Oran
Cuspairean nan Sreatha
Cruthaich Ceol
Dealbhan

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Eardsaidh MacIlleathain
Salm 16


Teasraig mi a Dhia na glòrach,
Chuir mi annad-sa mo dhòchas.
Teasraig mi a Dhia na glòrach,
Chuir mi annad-sa mo dhòchas.

'S e an Tighearna m' oighreachd agus mo chuibhrionn;
'S ann na làmhan a tha mo chrannchur.
Tha mi a' cumail an Tighearna mum choinneamh gach àm,
Is bho'n tha E ri m' dheas làimh, aon nì cha chuir eagal orm.

Teasraig mi a Dhia na glòrach,
Chuir mi annad-sa mo dhòchas.
Teasraig mi a Dhia na glòrach,
Chuir mi annad-sa mo dhòchas.

Uime sin ni mo chridh' agus m'anam gàirdeachas.
Gheibh mo cholunn fois ann an dòchas mar an ceudna,
Oir cha d'fhàg thu m'anam anns an uaigh,
Is cha d' leig thu d'fhear ionmhuinn bhith coimhead air truaillaidheachd.

Teasraig mi a Dhia na glòrach,
Chuir mi annad-sa mo dhòchas.
Teasraig mi a Dhia na glòrach,
Chuir mi annad-sa mo dhòchas.

Slighe na beatha nì thu dhomh fhoillseachadh,
Agus aoibhneas a bhith na d' làthair-sa,
Glèidh mi a Dhè, annad chuir mi mo dhòchas,
Oir tha mòr shòlas aig do dheas làimh gu siorraidh.

Teasraig mi a Dhia na glòrach,
Chuir mi annad-sa mo dhòchas.
Teasraig mi a Dhia na glòrach,
Chuir mi annad-sa mo dhòchas.



Gaol
Gaol-duthcha
Abhachdas
Obair
Creideamh
Muir
Poileataics
Cogagh


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy