BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Aigcridhearciuil

BBC Homepage
Scotland
Alba
Tbh

Aig Cridhe ar Ciuil
Facail nan Oran
Cuspairean nan Sreatha
Cruthaich Ceol
Dealbhan

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Leanabh an Àigh
Leanabh an Àigh


'S e leanabh an àigh an leanabh bh' aig Màiri,
A rugadh an stàball, Rìgh nan dùl:
Thàinig don fhàsach, dh'fhuiling nar n-àite;
Is sona don àireamh bhitheas dha dlùth!

Ged a bhios leanaban aig rìghribh na talmhainn,
Le greadhnachas garbh 's le anabarr mùirn;
'S gearr gus am falbh iad, 's fàsaidh iad anfhann,
An àilleachd 's an dealbh a' searg san ùir.

Cha b' ionnan 's an t-uan thàinig gar fuasgladh,
Iriosal, stuama, ghluais e 'n tùs;
E naomh gun truailleachd, cruithear an t-sluaigh,
Dh'èirich e suas le buaidh on ùir.

Seo leanabh an àigh mar dh'aithris na fàidhean,
'S na h-ainglean àrd -- b' e miann an sùl;
'S e 's airidh air gràdh 's ar n-urram thoirt dha;
Is sona don àireamh bhitheas dha dlùth!

'S e leanabh an àigh an leanabh bh' aig Màiri,
A rugadh an stàball, Rìgh nan dùl:
Thàinig don fhàsach, dh'fhuiling nar n-àite;
Is sona don àireamh bhitheas dha dlùth!

[Na facail bho Caran an t-Saoghail, Dòmhnall E. Meek (ed.), Birlinn 2002.]



Gaol
Gaol-duthcha
Abhachdas
Obair
Creideamh
Muir
Poileataics
Cogagh


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy