Mar ni fiadh air an t-sruthan
Tha tart orm a Dhè,
'S tha m'anam glaodh riut làth 's a dh'oidhch'
'S mi 'g iarraidh bhith riut rè.
Mo dheòir, 's iad mo chuibhrionn
'S mo naimhdean gam leòn.
"Càite a bheil do Dhia?" their iad
Le fanaid is le spòrs.
Cuim' tha m'anam trom le bròn?
Carson tha dragh air m'inntinn?
Cuim' tha m'anam trom le bròn?
Carson tha dragh cho mòr air m'inntinn?
Cuir do dhòchas ann an Dia,
Nì mi mholadh, mo Shlànuighear 's mo Dhia.
Cuir do dhòchas ann an Dia,
Nì mi mholadh, mo Shlànuighear 's mo Dhia.
Mo bhròn tha cur thairis,
'S nam chuimhne gach nì,
Mar chaidh mi latha fèille suas
Le gàirdeachas nam chridh;
Mar chaidh mi le moladh,
'S le aoibhneas a' seinn,
A' gluasad leis a' chuideachd mhòr,
Dol leo gu d' theampall Fèin.
Tha toirm do ghuth san domhainn
Nuair ghairmeas tuil ri cuan;
Èirigh tonnan gàbhaidh tharum
'S furtachd gheibh mi bhuat,
Is riut-sa, mo Thighearna,
Bidh m'ùrnaigh 's an oidhch',
'S bidh m'òran molaidh feadh gach là
Do Dhia mo bheatha a' seinn.
"Carson, mo charaig," thuirt mi,
"A dhìochumhnich Thu mi?"
Carson fo mhulad tha mo thriall
'S le m'eascairdean mi sgìth?
Am briathran gam ghearradh
'S gam lot na mo chridh.
"Càite nis a bheil do Dhia?"
A their iad rium a-ris.
[Na facail air an ath-sgrìobhadh le Kenna Chaimbeul.]