BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Aigcridhearciuil

BBC Homepage
Scotland
Alba
Tbh

Aig Cridhe ar Ciuil
Facail nan Oran
Cuspairean nan Sreatha
Cruthaich Ceol
Dealbhan

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Creideamh
An nuadh bhreith

Èist an seo

Sèist:
Tha duin' òg is seann duin' agam,
Tha duin' òg is seann duin' agam;
Nach robh 'n seann duin' air mo chùlaibh,
'S an duin' òg nas mùirnich agam!

Seann duin' mi o leasraidh Adhaimh
On do shìolaich mi thaobh nàdair,
Ach duin' òg tre Lèigh na slàinte
Shaor on bhàs mi tre ghràs naisgte.
Nach robh 'n seann duine na ghràin dhomh
'S an duin' òg na ghràdh nas fhaisge.

Dithis iad nach còrd an càraid
Ged tha 'n-còmhnaidh san aon àros,
Gus a leagar nuas am pàillean
Anns na ghabh iad tàmh mar chairteal.
'N seann duine gu carach lùbach
'S an duin' ùr toirt cùis gach gleachd deth.

Ged tha m' pheacadh dearg mar scàrlaid
Mar an corcair tre ro-dhànachd,
Trusgan sgiamhach na mòr-shlàinte
'N làthair m' òig-fhear rinn mi maiseach:
Dh'fhàg an seann duin' tinn le plàigh mi
'S an duin' òg toirt slàint' air ais dhomh.

'S e 'n duin òg an treun-fhear glòrmhor
Do rèir m' fheum-sa bheir e treòir dhomh,
Seasar eadar mharbh is bheò leis
Bheir e lòn is sògh do m' altram:
An seana duin' gam bhual le dhòrnaibh,
'S an duin' òg le treòir ga chasg dhìom.

Is mòr mo chall le easbhaidh gràidh dha
Ged is tric a shaor on bhàs mi,
Toirt neart domh, eòlas, slàinte,
Mo Rìgh e, m' Fhàidh is mo Shagart;
'N seann duin' a' cur bac' air m' ùrnaigh
'S an duin' òg cur tùis air m' altair.

Tha mi dall 's mo fhradharc dùbailt,
Tinn 's mi slàn 's a ghnàth gam chiùrradh,
Sòlasach 's an-còmhnaidh tùrsach,
Gaoideil, grùideil is glan fallain:
'N seann duin' a' dalladh mo shùilean
'S an duin' òg toirt dhiubh nan lannan.

Foghlam faigh air brìgh mo chòmhraidh
Feuch gu reusanta 's gu còmhnard,
'S mur treabh thu m' àgh gu seòlta
Bidh mo thòimhseachan-s' ort falaicht.
Cuir an seann duin' uat gu h-ealamh,
Cuir an seann duin' uat gu h-ealamh,
Fàs mun t-seann duin' caoin-shuarach,
'S bheir an t-òg dhut buaidh le caithream.

Gabh an t-sèist a-rithist.



Biodh an Trionaid ga moladh


Èist an seo

Sèist:
Iesum Dominum, Venite ado remus,
Iesum Dominum.

Biodh an Trionaid ga moladh
Gura Nollaig Mhic Dhè i!

Rugadh Ios' ar ceann-cinnidh
Ann an sgiothal na sprèidhe.

Bha an saoghal ro chumhang,
Ged a chruthaich E fhèin e.

'N aona chùil bha gun urram,
Àite-fuirich Mhic Dhè e.

Chan eil dìon air, no tughadh,
Chumas drudhadh nan speur dheth.

Thig a' ghaoth staigh gun tilleadh -
'S iomadh uinneag tha rèidh dhi.

'S bidh Macan na gile
Air a ruighinn le gèiread.

'S beag tha shochair na chadal -
'S olc an leaba th' aig m' eudail.

E na shìneadh san fhrasaich,
Damh na fhaisge ri geumraich.

Gura nàrach an doicheall
Bhith ga nochdadh ri creutair.

Ach ri Dia nam mòr-chumhachd,
Rìgh a chruthaich gu lèir sinn!

Liuthad uair rinn mi dhoicheall,
Rinn mi dhochann le m' eucoir;

Rinn mi fhuadach on doras -
Gum bu dona dhomh fhèin siud.

Ach, a Mhàthair na glaine,
'S gu bheil d' anam gun bheud air.

Bidh tu 'g ùrnaigh rid Mhacan
E bhith mathadh ar feuch dhuinn;

Is cha dìochnaichear tuilleadh
Mar a dh'fhuiling thu 's d' eudail.

Oidhche choimheach na Nollaig
Anns a' bhothaig am Bèthlem.

Cha robh fàilte no furan
air an turas feadh Bhèthlem.

H-uile doras ga dhruideadh,
nuair a rugadh màthair Dè e.

[Gabh an t-sèist às dèidh gach sreath.]

Òran mu leanabh òg

Èist an seo

'S leanabh sòlasach mi,
Glè òg chaidh à tìm,
Chaidh mo threòrach on chìch don uaigh;
'S ged bu ghoirid mo thìm,
Gabhail fradhairc den tìr,
'S mòr th' agam ri innse don t-sluagh.

B' e an teachdair' gun truas,
A thug leis mi cho luath,
On a' bhroilleach san d' fhuair mi blàths,
'S thug mi don bhanaltram fhuair,
Ris an can iad an uaigh,
Cha b' aithne dhi truas no blàths.

Bha mi 'm chadal gu blàth,
Ann am fasgadh mo mhàthar,
Is ga mo phasgadh 's a làmh fo mo cheann,
Nuair thàinig teachdair' on bhàs,
Thubhairt gun siùbhlainn gun dàil,
'S nach robh fuireach no tàmh dhomh ann.

'S nuair dhùin iad mo shùil,
Thàinig ainglean na cùirt,
'S thug iad mis' leoth' cho dlùth 's cho luath,
'S ann am priobadh na sùl' ,
Bha gach nì dhomh cho ùr,
'S ann bha mise san Ierusalem shuas.

Nam faiceadh m' athair 's mo mhàthair
Meud mo shonais san àit'-s',
Bhiodh iad toilicht' gun d' fhàg mi an t-saoghal;
'S bhiodh gach latha mar bhliadhn'
Gus am faigheadh iad triall
Gu co-chomann tà sìorraidh naomh.


Salm 72:19

Èist an seo

Beannaicht' gu robh an Tighearn' Dia,
Dia Israeil a-ghnàth,
An tì a-mhàin nì mìorbhailean
le treis is neart a làimh.

Beannaicht' gu robh gu sìorraidh buan
Ainm glòrmhor uasal fhèin;
Lìonadh a ghlòir gach uile thìr,
Amen, agus Amen!


Gaol
Gaol-duthcha
Abhachdas
Obair
Creideamh
Muir
Poileataics
Cogagh


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy