|  |  |
Tha mi cur m' anama 's mo chorp Air do chomaraig a-nochd, a Dhè, Air do chomaraig, Ìosa Crìosda, Air do chomaraig, a Spioraid na fìrinne rèidh, An Triùir a sheasadh mo chùis, Is nach cuireadh an cùl rium fèin.
Thus', Athair, tha caomh agus ceart, Thus', a Mhic, thug air peacadh buaidh, Thus', a Spioraid Naoimhe nam feart, Da mo ghleidheadh a-nochd o thruaigh; An Triùir a dhèanadh mo neart Mo ghleidheadh a-nochd 's gach uair.
|
|