
Och a Theàrlaich òig Stiùbhairt, 's e do chùis rinn mo lèireadh;
thug thu uam gach nì bh' agam ann an cogadh nad adhbhar;
cha chrodh is cha chaoraich tha mi caoidh ach mo chèile,
ged a dh'fhàgte mi 'm aonar gun sian san t-saoghal ach lèine,
Mo rùn geal òg.
Cò nis thogas an claidheamh no nì chathair a lìonadh?
's gann gur e tha air m' aire o nach maireann mo chiad ghràdh;
ach ciamar gheibhinn om nàdar a bhith 'g àicheadh nas miann leam
is mo thogradh cho làidir thoirt gu àite mo rìgh math,
Mo rùn geal òg.
Bu tu 'm fear mòr bu mhath cumadh od mhullach gud bhrògan
bha do shlios mar an eala 's blas na meal' air do phògan,
d' fhalt dualach, donn, lurach mu do mhuineal an òrdugh,
's e gu cam-lubach, cuimir, 's gach aon toirt urraim da bhòidhchead,
Mo rùn geal òg.
Bu tu 'm fear slinneanach letheann, bu chaoile meadhan 's bu dealbhaich;
cha bu tàillear gun eòlas dhèanadh còta math geàrr dhut,
no dhèanadh dhut triubhais gun bhith cumhang no gann dhut:
mar gheala-bhradain do chasan led gheàrr-osan mud chalpa,
Mo rùn geal òg.
Bu tu pòitear na dibhe 'n àm suidhe 's taigh-òsta,
ge b' e dh'òladh 's tu phàigheadh ged thuiteadh càch mu na bòrdaibh;
bhith air mhisg chan e b' fhiù leat, cha do dh'ionnsaich thu òg e,
's cha d' iarr thu riamh cùis air tè air chùl do mhnà pòsta,
Mo rùn geal òg.
'S iomadh baintighearna phrìseil, len sìoda 's len sròlaibh,
dan robh mis' nam chùis-fharmaid chionn gun tairgeadh tu pòg dhomh.
ged a bhithinn cho sealbhach 's gum bu leam airgead Hanòbhair
bheirinn cnag anns na h-àithntean nan cumadh càch sinn bho phòsadh,
Mo rùn geal òg.
'S iomadh bean a tha brònach eadar Tròndarnis 's Slèite,
agus tè tha na banntraich nach d' fhuair samhla dam chèile.
bha mise làn sòlais fhad 's bu bheò sinn le chèile,
ach a-nis bhon a dh'fhalbh thu cha chùis fharmaid mi fhìn dhaibh,
Mo rùn geal òg.
[Song lyrics sourced by the Gaelic Resource Database (GRD) for educational purposes only.]