Nam aonar le mo smaointean
'S a' ghaoth tighinn bho thuath,
Grian òr-bhuidh' mar ghrìosaich
Cur teine air chuan;
Na caoraich sholt cho sàmhach
Len àl sa chnoc mhòr,
Ciaradh feasgair cur a glòir
Air faileas dubh le òr.
Na sabhalan fàs gun mullach
Na taighean bha làn,
An-diugh cho fuar 's cho falamh
Am fearann dol bàn;
Gun chrann ann, gun speal ann
Gun lìon ann, gun bhàt',
Eigheach cogaidh a thug bhuainn
Na balaich thuit sa bhlàr.
Ma chlaoidh sinne nàmhaid
An-dràst' faic prìs buaidh,
Cridhe màthar cràidhte
'S na gillean san uaigh;
Cha dèan cliù no onair
Treabhadh dhuinn no buain,
Cianail falamh sìth a' bhàis
Cha till na fir chaidh uainn.
Aig uaigh fhuar Mhic a' Phearsain
San sneachda air Peighinn Phùir,
Chluich a' phìob port thuiridh
Am peilear bhrag cruaidh;
An cogadh faoin Nam Falklands
Thuit Gòrdan ro òg,
'N-uiridh, balach san sgoil àrd
An-diugh, a bhàs ar leòn.
A' ghrian tha dol sìos oirnne
Air prèiridh cur blàiths,
Oidhche tha gar dùnadh
Dùsgadh do chàch;
Aig feasgar dorch ar cùrsa
Feith' dùsgadh là mhòir,
Ciaradh maidne cur a glòir
Air faileas dubh le òr.
[Song lyrics sourced by the Gaelic Resource Database (GRD) for educational purposes only.]