Nuair bhiodh òganaich cruinn
Dhèanta grìosach bhuntàt',
"Siùdaibh-seasaibh", siud chluinnt',
"Ach am faic sinn eil àird
A' mhailisidh nis oirnn -
'S gu Fort Dheòrs' thèid ma tha,
A' mhailisidh an rìgh."
Sheòl i, Sìle nan stuagh,
'S mòran sluaigh innt' air bòrd,
Cuid gu iasgach na Bruaich
'S cuid gu Sealtainn nan òb;
'S cuid a' falbh mar mo luaidh,
A' chiad uair a Fort Dheòrs'
A mhailisidh an rìgh.
Fhuair mi dealbh an cèis dhùint
'S chroch sa chùlaist le uaill,
Agus litir ag inns,
"Tha gach nì dhomh cho nuadh --
Moch gar dùsgadh bidh phìob
Nuair as fìor throm ar suain
Am mailisidh an rìgh.
Bhris an stoirm, 's an tuil dhòirt
'S air an Eòrpa rinn tigh'nn:
Tuil fhuil dhearg nam fir òg --
Seadh, fìr òg nan ciabh mìn;
Thraogh is thràigh chun an fheòir
Fuil an cuislean 's an crìdh;
Dh'fhuairich, reòdh 's chaill a clì.
Colla, Fionnlagh is Dòmhnall,
Ruairidh Òg is Iain Bàn,
Aonghas, Ùisdean 's Niall Mòr
(Chòrr cha shloinn mi am' dhàn)
'N-dè 'nam balaichean san dròbh,
'N-diugh gun deò anns an bhlàr --
O mhailisidh mo chridh!
Chaidh na geòidh tarsainn tuath,
Thug na geòidh mach an àil;
Thill gu deas mar as dual
Àrd len àil air an sàil,
Ach cha till e, mo luaidh,
Ach nam bhruadar a-mhàin --
O mhailisidh mo chridh.