BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Aigcridhearciuil

BBC Homepage
Scotland
Alba
Tbh

Aig Cridhe ar Ciuil
Facail nan Oran
Cuspairean nan Sreatha
Cruthaich Ceol
Dealbhan

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Kirsteen NicDhòmhnaill
Togaibh a' Bhratach


Togaibh a' bhratach a chlanna mo shluaigh-sa,
Togaibh le caithreim i, togaibh le buaidh i.
B' i dìleab bhur sinnsre an fhìor-fhuil gun truailleadh
A chumadh an-àird sinn 's gach càs agus cruadal.

Siud an fhuil Ghàidhealach bha ceannsgalach buadhmhor
Luchd caitheamh an fhèilidh is breacan na guaille
Cha teicheadh ro nàmhaid 's chan fhaicte 's an ruaig iad.
'S bu làidire dh'fhàsadh mar b' àirde an cruaidh-sa.

Nuair chìte air faich' iad len deiseachan uaine,
A' siubhal an rathaid 's a' phìob a' toirt fuaim dhaibh
Ri aodann a' chatha 's rughadh nan gruaidhean
O cà' bheil an cridhe nach tiomadh san uair ud?

'S ged seasmhach an spiorad nach pilleadh roimhe'n fhuathas
Sùil chorrach nan aodann nach faoidteadh a ghluasad
Cò shaoileadh san tràth ud an spàirn ghoirt a fhuaradh,
A' dealach' ra'n leannain an gleannan an uaigneis?

Faic iad a-nis fìor luchd-fìne nam fuar-bheann,
Dìreadh le braise gun athadh roimh 'n uamhas;
Gach gunna ri làmhach an nàmh tighinn a-nuas orr',
Ach rinn sinn an ciosnach' ged mhill iad mo luaidh-se.

Cò 'm fear ud a chì mi 'na shìneadh gun ghluasad?
'N fhuil chraobhach a diobradh 's gun aon a nì fuasgladh;
Fhalt camagach bòidheach na dhubh-lùban cuachach,
A snàmh anns a ghaoith 's gun aon-ghaoil ann bheir dual as.

Tha 'n claidheamh 's e sìnnte a-nìos ri d' chrios-guaille,
'S e fhathast a d' ghlaic tha air glasadh 's air fuaradh;
'S ma rinn thu daibh striochdadh 's ann dìleas a fhuaradh,
'S triùir naimhdean na'n sìneadh 'n uair spìon thu a d' thruaill e.

Tha 'm breacan bha deas ort air preasadh le ruaidhe,
A's sruthan na fola toirt dath às an uaine;
Tha d'inntinn a' sìoladh 's an rìbhinn ad' smuaintean,
A's manran a beòil a' toirt ciùil ann ad chluasan.

'S an oidhche mun d'fhàg thu bu chràiteach an smuain ud
Guthan rabhaidh ag ràdh nach robh dàil anns an uair dhuit;
Cha b' iognadh, a ghràidh, ged bha thu ga d' chàradh,
A's tanasg a' bhàis, 'geurach' fhàl ga d' thoirt bhuam-sa.

O 's truagh mi da-rìribh bho'n dh'innseadh an tuairsgeul,
Mo chridh tha air lìonadh 's mo bhàs gan sìor bhualadh;
Tha esan glè ìosal mun tric rinn mi bruadar,
'S cha chlaidheamh a mhill e, ac innleachd na luaidhe.

A's càch nuair thig dhachaidh le caithream 's le luathghàir',
Bidh mise glè fhalamh gun charaid san uair ud;
A's ghuidhinn am bàs gun mo làithean toirt buain dhomh,
Nam faighinn gu bràth bhi ga m' chàradh san uaigh leat.



Gaol
Gaol-duthcha
Abhachdas
Obair
Creideamh
Muir
Poileataics
Cogagh


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy