
Sèist:
Hì rim ho rò, hò ro leatha,
Hì rim ho rò, hò ro leatha,
Hì rim ho rò, hò ro leatha,
Chaidh an latha le Clann Dòmhnaill.
An cuala sibhse an tionndadh duineil
Thug an camp bha 'n Cille Chuimein?
'S fada chaidh ainm air an iomairt,
Thug iad às an naimhdean iomain.
Dhìrich mi moch madainn Dòmhnaich
Gu bràigh caisteil Inbhir Lòchaidh;
Chunnaic mi 'n t-arm dol an òrdugh,
'S bha buaidh a' bhlàir le Clann Dòmhnaill.
Dìreadh a-mach glùn Chùil Eachaidh,
Dh'aithnich mi oirbh sùrd bhur tapaidh;
Ged bha mo dhùthaich na lasair,
'S èirig air a' chùis mar thachair.
Ged bhiodh iarlachd a' Bhràghad
An seachd bliadhna seo mar tha e,
Gun chur gun chliathadh gun àiteach,
'S math an riadh o bheil sinn pàighte.
Air do làimh-sa, Thighearna Labhair,
Ge mòr do bhòsd as do chlaidheamh,
'S iomadh òglach chinne d' athar
Tha 'n Inbhir Lòchaidh na laighe.
'S ioma fearr goirseid agus pillein,
Cho math 'sa bha riamh dheth d' chinneadh,
Nach d'fhoad a bhotann thoirt tioram,
Ach faoghlum snàmh air Bun-Neimheis.
Sgeul a b' àite 'nuair a thigeadh,
Air Caim-beulaich nam beul sligneach,
H-uile dream dhiu mur a thigeadh,
Le bualadh lann an ceann ga 'm briseadh.
'N latha sin shaoil leo dhol leotha,
'S ann bha laoich ga 'n ruith air reothadh
'S ioma slaodanach mor odhar,
Bha na shineadh air ach'-an-tothair.
Ge be dhireadh Tom-na-h-aire,
Bu lionor spog ùr ann air dhroch shailleadh,
Neul marbh air an suil gun anam,
'N deigh an sgiùrsadh le lannan.
Thug sibh toiteal teith ma Lochaidh,
Bhi ga 'm bualadh ma na srònan,
Bu lion'or claidheamh clais-ghorm comhnard,
Bha bualadh an lamhan Chlann-Dòmhnuill.
Sin 'nuair chruinnich mor dhragh na fhalachd,
'N am rusgadh na 'n greidlein tana,
Bha iongnan nan Duimhneach ri talamh,
An deigh an luithean a ghearradh.
'S lionmhor corp nochte gun aodach,
Tha na 'n sineadh air chnocain fhraoiche,
O 'n bhlar an greaste na saoidhean,
Gu ceann Leitir blar a Chaorainn.
Dh' innsinn sgeul eile le firinn,
Cho math 'sa ni cleireach a sgrìobhadh ;
Chaidh na laoich ud gu'n dicheall
'S chuir iad maoim air luchd am mì-ruin.
Iain Mhuideartaich nan seol soilleir,
Sheoladh an cuan ri la doillear,
Ort cha d' fhuaradh briste coinnidh,
'S ait' leam Barra-breac fo d' chomas.
Cha b'e sud an siubhal cearbach
A thug Alasdair do dh'Albainn,
Creachadh, losgadh, agus marbhadh ;
'S leagadh leis coileach Strath-bhalgaidh.
An t-eun dona chaill a cheutaidh,
An Sasunn, an Albainn, 's 'n Eirinn,
Is ite a curr na sgeithe,
Cha miste leam ged a gheill e.
Alasdair nan a geur lann sgaiteach,
Gheall thu 'n dé a bhi cuir as daibh,
Chuir thu 'n retreuta seach an caisteal,
Seoladh gle mhath air an leantuinn.
Alasdair nan geur lann guineach.
Na 'm biodh agad armuinn Mhuile;
Thug thu air na dh' fhalbh dhiu fuireach,
'S retreut air pràbar an duileisg.
Alasdair Mhic Cholla ghasda,
Lamh dheas a sgoltadh nan caisteal ;
Chuir thu 'n ruaig air Ghallaibh glasa,
'S ma dh-ol iad càl gun chuir thu asd' e.
'M b' aithne dhuibhse 'n Goirtean-odhar,
'S math a bha e air a thothar,
Cha 'n inneir chaorach, no ghobhar ;
Ach fuil Dhuimhneach an deigh reothadh.
Bhur sgrios mu 's truagh leam 'ur caradh,
'G eisdeachd an-shocair 'ur pàistean
Caoidh a phannail bh' ann 's 'n àraich
Donnalaich bhan Earraghàel.
[Gabh an t-sèist às dèidh gach rann.]