O, Leòdhais mo ghràidh, dèan innse dhomh 'n-dràst'
An àm dhomh bhith fàgail do ghlinn,
'N tèid mi thairis air sàil 'n dùil tilleadh gu bràth
No an slàn le mo Thàbost a-chaoidh?
Am faic mise tuilleadh a' ghrian ri dol sìos
'N taobh siar de Eilean mo ghràidh?
Nan cluinn mi na buillean bhios tonnan a' chuain
A' bualadh bith-bhuan air a thràigh?
Cha b' fhada bha 'n t-seachdain dol seachad an Leòdhas
An comann nan eòlach 's luchd-gaoil.
Chan fhaod mise fuireach ged 's duilich an-dràst'
Dhomh fàgail Eilean an Fhraoich.
'S na balaich a dh'fhàs sa bhaile-s' leam 'n àird
'N-diugh sàs air muir agus tìr;
An nàmhaid gun thruas - ach gheibh sinn a' bhuaidh
Ged 's goirt agus cruaidh oirnn a' phrìs.
Gus an dùinear ar sùil sa chadal 's nach dùisg
Cha chuir sinn ar cùl air a' bhlàr:
Son aon a thèid sìos bidh còrr agus ceud
Gun fhiamh a sheasas nan àit'.
Nuair thàinig 'n ath-dhoras dhuinn naidheachd a' bhàis
Mo chràidh-s' chan urrainn dhomh inns',
'S mo charaid na shuain an doimhneachd a' chuain:
Tha an smuain gu briseadh mo chrìdh'.
'S gu saoil leam gur 'n-dè bha mise 's e fhèin
Toirt ceum nan cladaichean àrd,
'S le gòraich' na h-òig' cur ruaig air na h-eòin
Bhiodh beò sna creagan len àl.
Ged bhios mise thall an dùthaich nan Gall
Is tric mi sna gleanntan nam smaoin;
'S a' cromadh don chladach moch madainn gu tràth
'S mo charaid mar bha ri mo thaobh.
Gach cnoc agus beann, gach sruthan is allt,
Gach gleann tha 'n eilean mo ghaoil,
Mas nì e nach till, 's nach bi mise leibh,
O, 's math bhios mo chuimhn' air gach aon.
[Song lyrics sourced by the Gaelic Resource Database (GRD) for educational purposes only.]