Ochoin hi ri gur e mi tha muladach
Nach robh mi thall anns a' ghleann sna rugadh mi
Ged 's creagach cruaidh e cha d' fhuaireas urram dha
Tìr an fhraoich tha na laoich a' fuireach ann.
Dimàirt a dh'fhàg iad, bu chràiteach duilich mi
A' caoidh mo bhràthair 's gach àrmann urramach
A sheòl thar sàil chun an nàmhaid fhuileachdaich
'S a dhol thoirt sìth dhan an tìr mas urrainn dhaibh.
Gur mis' tha diombach mun chùis a thachair dhut
Gun dh'fhalbh thu null le gunn' ùr gu batailean
'S ma gheibh thu bàs cha bhi bràthair agamsa
'S gur lìonmhor àrmann tha cnàmh an Afraga.
Là na Sàbaid chiad mhèarrs thug sinn orra
A' dol a forum le òrdan seanaileir
Bha 'n fhuil 's i blàth anns na Gaidheil mhisneachail
Is ceòl na pìoba toirt inntinn cridheil dhaibh.
Thusa Chrùidsear 's tu dhùisg an cogadh seo
Cha chùm Pretoria beò gun chrochadh thu
Gheibh thu tìm ann am prìosan Bhonapart
'S an St Helena gun teatha gun chofaidh ann.
Bidh sùil ri buaidh nuair a ghluaiseas Kitchener
Le iomadh coirneileir eòlach misneachail
Gum bidh na nàimhdean gu teann gan crioslachadh
'S a' ruith gu luath mun tèid uaigh gun chist' orra.
Bha ainm an fhiadh-bheathaich riamh an Afraga
Bha leòmhann beachdach i fhèin ann 's math-ghamhainn
Chan fhac a' Bhoer na leòn na fhearann e
Gu fac' e 'n Gaidheal le fhèileadh tartain ann.
[Song lyrics sourced by the Gaelic Resource Database (GRD) for educational purposes only.]